Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann: Seirbheis a tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Calum MacMhathain 1989

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1989 còmhla ris an Urr Calum MacMhathain nach maireann. Gaelic archive service from 1989 with the late Rev Calum Matheson.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 63: 1-2 air fonn London New agus Salm 43: 3-4 air fonn Walsall. 'S e Iain MacIlleathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Taigh Choinneimh Bhràgair.

Leughadh: Marcus 1: 1-15
Ceann-teagaisg: Marcus 1: 14-15

Rugadh Calum MacMhathain ann an 1948 agus cha robh anns an teaghlach ach e fhèin. Chaidh àrach ann a Steòrnabhagh agus bha e am measg buidheann bhalach anns a' bhaile air an robh na Torquil Terrace Boys.

Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Steòrnabhaigh agus Àrd-Sgoil MhicNeacail agus dh'fhàg e an sgoil aig sia bliadhna deug. Chaidh e an uairsin a Lunnainn far an d'fhuair e obair san t-Seirbhis Chatharra.

Bha guth sònraichte làidir aig Calum agus bha sin gu math follaiseach bho làithean òige. Nuair a bha e anns a' bhun-sgoil bhuannaich e am bonn òr aig a' Mhòd Ionadail airson seinn agus bha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann a bhith ga dìon.

Thòisich Calum air beatha Chrìosdail a leantainn nuair a bha e ann a Lunnainn, agus le càirdeas is coibhneas bho Ghàidheil Lunnainn thàinig e gu bhith na bhall dhan choitheanal anns an Eaglais Shaor an sin. Bha ùidh mhòr aige anns na h-òraidean aig an Dr Màrtainn Lloyd Jones agus bha e na bhall dhan choisir nuair a bha Billy Graham a' searmonachadh ann a Lunnainn. Thoisich Calum air searmonachadh an toiseach nuair a bha e ann an Lunnainn.

Aig fìor dheireadh na trì ficheadan ghluais e a Ghlaschu far an robh e na bhall de choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus 's ann nuair a bha e an sin a fhuair e stiùireadh airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Nuair a dh'fhàg Calum an sgoil cha robh e air deuchainn a dhèanamh aig àrd-ìre agus le sin b' fheudar dha a dhol gu clasaichean oidhche. Rinn e adhartas air leth le foghlam aig àrd-ìre agus fhuair e teisteanas san oilthigh airson litreachas agus eachdraidh na h-Alba. A bharrachd air an sin bha e a' gabhail clasaichean prìobhaideach airson a Ghàidhlig a leasachadh. Chaidh Calum gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann bho 1977 gu 1980 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist far an robh e na mhinistear airson aona bliadhna deug. Fhuair e gairm gu Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis ann an 1991 far an do bhrosnaich e an coitheanal ann an iomadach dòigh. Gu mì-fhortanach às dèidh trioblaidean lannsa bhàsaich e ann an 1992.
Bidh cuimhn' aig mòran air Mgr MacMhathain mar shearmonaiche air leth. Duine mòr agus meas mòr aig daoine air. Bhiodh e tric ri chluinntinn ag ràdh "Tha an Tighearna math, Oh tha an Tighearna math.".

30 minutes

An t-Urr Calum MacMhathain

An t-Urr Calum MacMhathain

Broadcast

  • Sun 15 May 2016 21:00