Na gaisgich aig Maoilis Chaimbeul
Cò a shaoileadh bho chionn trì mìosan gum biodh Trump na Thagraiche Poblachdach? Reflecting on how Donald Trump became the most likely Republican presidential candidate.
Chaidh cead a thoirt seachad ann an Ameireagaidh rannsachadh mheadaigich a dhèanamh air eanchainnean dhaoine a bha air an dearbhadh marbh, obair a bhiodh ag amas air pìosan dhen chorp ath-bheothachadh. Tòisichidh na deuchainnean air fichead neach marbh agus tha'r an dòchas toradh an rannsachaidh fhaicinn ann an ceann beagan mhìosan. Tha ceannard a' phròiseact, a tha air ainmeachadh The ReAnima Project, air a rà dh gu faodadh gur e seo a' chiad cheum gus na mairbh a thoirt beò. Tha Coinneach a' faighneachd don neach saidheans Murchadh Peutan agus an t-Urramach Seumas MacÌomhair, an e obair chudromach a tha seo ann an saoghal rannsachaidhean mheadaigeach no a bheil e a' dol seachad air crìochan moraltachd.
Cò a shaoileadh bho chionn sia mìosan air ais, gur e Dòmhnall Trump a bhiodh na thagraiche aig na Poblachdaich airson taghadh ceann-suidhe nan Stà itean Aonaichte? Tha Coinneach a' comhradh ri Cathy Muriel Carey, Donnie Large Dòmhnallach agus Mìcheal MacAoidh a tha a' fuireach ann an Ameireagaidh 'sa tha a' leantainn an taghaidh.
Tha Maoilis Caimbeul air na triùir ghaisgich aige a thaghadh: am fear ainmeil spòrs Eric Liddle agus na bà ird John Keats agus Mà iri Mhòr nan Òran. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 5 May 2016 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 5 May 2016 20:53Â鶹Éç Radio nan Gà idheal