Episode 5
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh G脿idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur G脿idhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu s貌nraichte do luchd-ionnsachaidh na G脿idhlig.
Gach seachdain tre貌raichidh Iain Urchardan sibh tro ch貌mhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn G脿idhlig.
Sa phr貌gram seo, tha Iain a' c貌mhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Fiona Patrick 脿 Drochaid Charra agus a' cluinntinn mu a roghainn-ci霉il agus tha an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghr脿mair.
In the fifth programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to learner of the week, Fiona Patrick from Carrbridge about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the 麻豆社 archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Tar-sgr矛obhadh: Guthan Binn nam Bonn
Duration: 01:37
-
Beag air Bheag: Sreath 4: Pr貌gram 5
Duration: 56:31
-
Tar-sgr矛obhadh: L脿ithean Geala 5
Duration: 01:56
-
Beag air Bheag: Neach ionnsachaidh na seachdain
Duration: 31:48
Tar-sgr矛obhadh: Guthan Binn nam Bonn
Anna Latharna NicIll脤osa (Anne Lorne Gillies)
Anne: Aig a鈥 chuairt deireannaich mar gum b鈥 e anns an taigh-dealbh, agus 脿s d猫idh dhuinn uile a bhith seinn, bha paca toitean aig cuideigin agus chuir e timcheall na toitein a bha seo!
Agus ghabh mise am measg a h-uile duine eile cha mh貌r, ghabh mise 'fag' mar gum b鈥 e. Agus an uair sin, dh鈥櫭╥rich fear dha na britheamhan air a chasan deiridh, agus thuirt e gum fac鈥 e cuideigin agus barrachd air aon duine a鈥 gabhail toitean 脿s d猫idh na co-fharpais agus gun robh e an d貌chas nach e, mar gum b鈥 e, droch chleachdadh a bha seo aig fear seach fear dhuinn, air sg脿th 鈥檚 gu bheil e cho dona ris a鈥 ghuth!
Agus an uair sin, nuair a th脿inig na comharran a-mach agus gun robh e follaiseach gun robh mise sa chiad 脿ite, th脿inig mar pl脿igh de luchd-meadhanan, luchd nam p脿ipearan-naidheachd s矛os oirnn, agus an aon rud a bha iad airson faighinn a-mach bhuamsa an robh mise air a bhith smocadh!
Agus mar aineolach, cil-onaidh, 貌inseach a bh鈥 annamsa, thuirt mi, 鈥淥h, ghabh mise toitean, ach na bi ag r脿dh guth mu dheidhinn, chan eil fhios aig m鈥 athair gum bi mise a鈥 smocadh!鈥
Agus ann an tr矛 mionaidean, bha m鈥 athair anns an oifis aige, agus am f貌n a鈥 dol mar na clappers san oifis aige! An robh fhios aige gun robh an nighean aige air a bhith smocadh anns a鈥 cinema? Agus an ath latha nuair a th脿inig na p脿ipearan-naidheachd a-mach, 鈥檚 e a鈥 chiad headline a bh鈥 aca, 鈥淗er father knows her guilty secret!鈥澨
Tar-sgr矛obhadh: L脿ithean Geala 5
Mocheirigh an Taigh Chaluim
Cha mh貌r ann an sg矛re Lag na Coille air fad a tha air an cois cho tr脿th anns a鈥 mhadainn ri muinntir Sheumais. Cha chuala Calum agus M脿iri a-riamh c貌 tha ag 猫irigh an toiseach, an athair no am 尘脿迟丑补颈谤, ach tha fios is cinnt gu bheil iad le ch猫ile a鈥 d猫anamh mocheirigh. Tha Calum fh猫in gu math furasta a chur air a chasan aig ochd uairean a h-uile madainn, ach is ann caran cadalach a bhitheas M脿iri an uair a thig i a-nuas aig cairteal no fichead mionaid an d猫idh ochd, agus cha bhi i idir air a d貌igh an uair a chanas Calum rithe, mar as tric a chanas:
鈥淭ha feasgar math ann, a Mh脿iri.鈥
鈥淣am bitheadh i cho d猫idheil air an leabaidh aig leth-uair an d猫idh naoi a dh鈥檕idhche鈥, bidh a 尘脿迟丑补颈谤 ag r脿dh, 鈥渂hitheadh M脿iri againne air a cois na bu tr脿ithe.鈥
鈥淚s e laighe tr脿th a n矛 a鈥 mhocheirigh鈥, bidh athair M脿iri ag r脿dh, an uair a bhitheas e ga ruagadh don leabaidh a h-uile feasgar eadar cairteal is deich mionaidean gu deich.
Tha athair is 尘脿迟丑补颈谤 na cloinne gu trang ag obair aig beagan an d猫idh seachd uairean gach madainn. Cho luath 鈥檚 a gheibh e cupa math de th矛 theth, l脿idir, an d猫idh dha an teine a thogail, tha Seumas a鈥 dol a mach a bhiathadh nam beathaichean.
Tha gu le貌r aig bean an taighe ri dh猫anamh, a鈥 deasachadh biadh an teaghlaich agus a鈥 bleoghan na b脿.
Aig leth-uair an d猫idh ochd, tha a h-uile duine a th鈥 ann a鈥 suidhe mun bh貌rd airson am bracaist, agus gl猫 ghoirid an d猫idh naoi uairean tha Calum is M脿iri a鈥 togail orra don sgoil. Tha ise nis na l脿n d霉isg agus ceud cabhag oirre gus am faigh i an s脿s ann an obair na sgoile.
A. Faic cho soirbh 鈥檚 a tha iad seo a-nis!
1. D猫 an uair aig am bi Seumas is M脿iri ag 猫irigh?
2. Cuin a bhitheas Calum agus M脿iri ag 猫irigh?
3. Cuin a bhitheas tu fh猫in air do chois?
4. D猫 an uair aig am bi thu ag 猫irigh Disathairne?
5. C貌 an duine mu dheireadh a tha ag 猫irigh ann an taigh Sheumais?
6. C貌 a鈥 cheud duine a tha air a chois anns an taigh agaibhse?
7. Cuin a bhitheas tu fh猫in a鈥 dol a chadal?
8. A bheil thusa furasta do dh霉sgadh anns a鈥 mhadainn?
9. D猫 an uair aig am bi am bracaist aig muinntir Sheumais?
10. Cuin a bhitheas do bhracaist agad fh猫in?
11. Cuin a bhitheas M脿iri agus Calum a鈥 falbh don sgoil?
12. Cuin a bhitheas clann a鈥 bhaile agaibhse a鈥 falbh innte?
13. Cuin a tha an sgoil agaibhse a鈥 fosgladh?
14. C脿it an robh athair Chaluim anns an sgoil?
15. D猫 an sgoil anns a bheil thu fh猫in?
B. Is e do chuid a-nis gach be脿rn a tha seo a l矛onadh:
1. 鈥淥 mhoch gu ....鈥
2. 鈥淢och .... ghabh i 鈥檔 cuan鈥
3. 鈥.... gu loch, moch gu abhainn鈥
4. 鈥淒h鈥 猫irich mi moch .... Ch猫itein鈥
5. 鈥淢och 鈥檚 mi 鈥檊.... air bheagan 猫islean鈥
6. 鈥淚s leisg le leisgean dol a ....鈥 Is seachd leisg leis ....鈥
C. Bidh iad seo nas fhasa:
1. Bidh m鈥 athair a鈥 .... an teine a h-uile madainn.
2. Bidh mo mh脿thair a鈥 .... an arain air a鈥 chl脿r-fuine.
3. Bidh a鈥 bhanarach a鈥 .... na b脿.
4. Bidh sinn a鈥 .... na m貌nadh toiseach an t-samhraidh.
5. Bidh a鈥 chlann a鈥 .... leabhraichean anns an sgoil.
6. Bidh iad a鈥 .... litrichean.
7. Bidh na balaich a鈥 .... le ball.
8. Bidh duine leis a鈥 phathadh ag .... uisge.
9. Bidh sinn a鈥 cagnadh le ar ....
10. Bidh an tuathanach a鈥 .... an fhe貌ir as t-fhoghar.
Tar-sgr矛obhadh: Rubha Aonghais
Aonghas D貌mhnallach: Uill, fad 鈥檚 a bheil sinn nar seasamh ann a seo, d矛reach mach bhuainn, tha cnap m貌r is nuair a th猫id thu s矛os air a鈥 mhol, tha toll sh矛os fodha, toll m貌r Bogha na Gile. Agus, ch矛 thu muir a鈥 tighinn a-steach troimhe, tha an toll a鈥 dol bho taobh na mara dhan a鈥 chreig a-steach dhan a鈥 mhol. Agus tha cuimhne a鈥檓 m鈥 athair air a bhith ag r脿dh rinn gum biodh iad a鈥 se貌ladh na h-eathraichean a-steach ann bho taobh na mara son tha an toll fh猫in cho 脿rd. Ach, bhiodh na bodaich a鈥 cur feagal oirnn leis an uaimh a bha sin cuideachd.
Alasdair MacLe貌id:听 Bhiodh gu dearbha fh猫in, agus bhiodh sinn ann gu math tric ged a bhiodh iad a鈥 cantail rinn cumail air falbh bhuaithe, agus tha mac-talla iongantach ann. Nuair a bhios an tr脿igh a-muigh, ma gheibh thu a-steach p矛os dhan gheodha, bhiodh sinn ag 猫igheachd is ag onghail ann a sin, a鈥 cluinntinn mac-talla. Ach, bha sgeulachd eile ann gur ann a siud a bhiodh Mac an t-Sr貌naich, agus gun robh e cunnartach a dhol ann agus gun robh a鈥 gheodha, cha b鈥 ann a-mh脿in a Suardal, gu robh a鈥 gheodha a鈥 dol s矛os a Gharrabost, gum biodh Mac an t-Sr貌naich air ais is air adhart anns a鈥 gheodha a tha seo fon talamh 脿 Garrabost a Shuardal, ach chan fhaca sinn riamh Mac an t-Sr貌naich, ach c貌 aig a tha fios?
听
Aonghas: Tha sin a鈥 dearbhadh dhut gun robh underground anns an Rubha mus robh e riamh ann an Lunainn.
听
S霉il air a' Mhapa 5
D霉n 脠ideann. Tha sibh e貌lach air a鈥 bhaile, tha mi cinnteach! Chan eil fios againn le cinnt d猫 tha 脠ideann a鈥 ciallachadh. 鈥橲 d貌cha gur e ainm duine a th鈥 ann. Tha d霉n a鈥 ciallachadh 鈥榝ortress, castle鈥. Tha D霉n 脠ideann a鈥 nochdadh an toiseach anns an t-seann ch脿nan Bhreatannach mar Din Eidyn. Edin-burgh ann am Beurla.
Tha an t-uabhas de dh鈥檃inmean-脿ite le 鈥榙霉n鈥 annta. Anns an Taobh Sear, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich, tha grunnan ann. Mar eisimpleir 鈥 an D霉n Dearg, an D霉n M貌r agus an D霉n Beag. 鈥橲 e 鈥榙霉n鈥 a鈥 Gh脿idhlig air 鈥榖roch鈥. Uaireannan tha na seann d霉in co-cheangailte ri sgeulachdan na F猫inne 鈥 Fingalian legends.
Tha D霉n D猫 鈥 Dundee 鈥 a鈥 ciallachadh 鈥榝ort on the Tay鈥. 鈥橲 e Dunkeld ann an Siorrachd Pheairt 鈥楧霉n Chailleann鈥 鈥 鈥榯he fort of the Caledonians鈥 鈥 seann treubh. Tha Dunragit na bhaile beag faisg air an t-Sr貌in Reamhair 鈥 no Stranraer. 鈥橲 e sin D霉n Reicheit 鈥榯he fort of Rheged鈥, ag ainmeachadh seann r矛oghachd Bhreatannach. Tha D霉n Breatann 鈥 鈥榯he fort of Britons鈥 ag ainmeachadh seann r矛oghachd Bhreatannach eile. Sin Dumbarton ann am Beurla.
Uaireannan, tha d霉n a鈥 seasamh airson cnoc, an 脿ite caisteal. Nuair a th脿inig a鈥 Bheurla a-steach gu sg矛rean a bha G脿idhealach roimhe, dh鈥檃tharraich 鈥楧霉n鈥 uaireannan gu 鈥楧oon Hill鈥. Ach 鈥檚 e d霉blachadh a th鈥 ann. Tha e a鈥 ciallachadh 鈥榟ill hill鈥! Agus Doune faisg air Sruighlea? Far a bheil an caisteal a tha a鈥 nochdadh ann am filmichean mar Outlander? 鈥橲 e sin 鈥 gu s矛mplidh 鈥 An D霉n. Beannachd leibh.
Oisean a鈥 Ghr脿mair 5: Notaichean
1. an IOLRA (plural) le听听 鈥揂ICHEAN听
Aonghas D貌mhnallach听 (鈥楻ubha Aonghais鈥):
鈥淎gus tha cuimhne a鈥檓 m鈥 athair air a bhith ag r脿dh rinn gum biodh iad a鈥 se貌ladh na听 h-eathraichean a-steach ann bho taobh na mara son tha an toll fh猫in cho 脿rd.鈥澨
鈥淚 remember my father had told us that they used to sail the (fishing) boats in through it from the sea because the gap itself is so high.鈥
Gu math tric, ainmearan le -ar no -ir :
eathar听听听听 听eathraichean听听听听 听 fishing boat(s)
piuthar听听 听 peathraichean听听听 sister(s)
尘脿迟丑补颈谤听听听听m脿thraichean听听听 听mother(s)
athair听听听听 听 athraichean听听听听 听听听 father(s)
cathair听听听听 cathraichean听听听听 听 chair(s), seat(s)
nathair 听听听 nathraichean听听听听 听snake(s)
seathar听听听听seathraichean听听听听chair(s)
leabhar 听听 leabhraichean听听听 book(s)
iuchair听听听听 iuchraichean听听听听 听 key(s)
litir听听听听听听听听听听听听litrichean听听听听 听听听听听听听听 letter(s)
No aimeanran le 鈥揳 :
bhana听听听 听 bhanaichean听听听听 听听 van(s)听
产脿迟补听听听听 听听听听 产脿迟补ichean听听听听 听听听听听 boat(s)
迟谤猫补苍补听听听听听听迟谤猫补苍补ichean听听听听 听听 train(s)
pl猫ana听听听听听听pl猫anaichean听听听听 听plane(s)
teanta听听听听听听听teantaichean听听听听 听 tent(s)
bliadhna听听bliadhnaichean听听听year(s)
latha听听听 听听听听 l脿ithichean听听听听 听听听听 day(s)听听 (cuideachd: l脿ithean, l脿itheannan)
plana 听听听听听听 planaichean听听听听 听听听 plan(s)
teacsa 听听听听 teacsaichean听听听听 听 text(s)
Cuideachd:
肠脿谤听听听听 听听听听听听听听听听 肠脿谤aichean听听听听 听听听听听 car(s)听听
bus听听听听 听听听听听听听听听 busaichean听听听听 听听听 听bus(es)
f貌n听 听听听听听听听听听听听听听 f貌naichean听听听听 听听听听听 phone(s)
not听听听听听 听听听听听听听听听 notaichean听听听 听听听听听听 note(s) / pound(s) sterling
濒脿谤补肠丑-濒矛苍 听听听 l脿raichean-l矛n听听听听 听 website(s)
teaghlach听 听 teaghlaichean听听听听听 family (-ies)
2.听 an IOLRA (plural) le听听 鈥揑CH听听听听
Aonghas D貌mhnallach听 (Rubha Aonghais):
鈥Bhiodh na bodaich a cur feagal oirnn leis an uaimh a bha sin cuideachd.鈥澨
鈥淭he old fellows would scare us with that cave too.鈥
bodach听听听听听听听听听听听听听 bodaich听听听听 听听听听听听听听听听听 old man听听听听 old men
balach听听听听听听听听听听听听听听 balaich听听听听 听听听听听听听听听听听听听 boy(s), lad(s)听听
boireannach听听听 boireannaich听听听听 听听 woman听听听听听听 women
eileanach听 听听听听听听听 eileanaich听听听听听听听听听听听听听islander(s)
each 听听听听听听听听听听听听听听听听听 eich听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听horse(s)
Daoine 脿s gach 脿ird听听听听 (people from every airt, every point of the compass):
Barrach听听听听听听听听听听听听 Barraich听 听听听听听听听听听听听 a Barra person听听听听听 Barra folk
Hearach听听听听听听听听听听听 Hearaich听听听 听听听听听听听听 a Harris person听 听听 Harris folk
脤濒别补肠丑听听听听听听听听听听听听听听听听 脤lich听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听听an Islay person 听听听听 Islay folk
尝别貌诲丑补蝉补肠丑听听听听 Le貌dhasaich听听听听 听a Lewis person听 听听 Lewis folk
Sgiathanach听听听 Sgiathanaich听听听听 听a Skye person听 听听听听 Skye folk
Uibhisteach听听听听 Uibhistich听听听听 听听听听听听 a Uist person听听听听听 听听 Uist folk
Albannach听听听听听听听听听 听听 Albannaich听听听听 听听听听听听听 Scot(s)听
Ameireaganach听听听 Ameireaganaich听听听 American(s)
Gearmailteach 听听听听 Gearmailtich听听听听 听听听听听 German(s)
Sasannach 听听听听听听听听听听 Sasannaich听听听听 听听听听听听听 English folk
Tuathach听听听听 Tuathaich听听 听听northerner(s)听
Deasach听听听 听 Deasaich听听听听听听southerner(s)听
Searach听听听听 听Searaich听听听听 听听 easterner(s), East Coaster(s)
Siarach听听听听 听 Siaraich听听听听 听听听 westerner(s), West Coaster(s)
PUING EILE:听听听听 鈥榯he鈥 + plural:听听听听听 NA / NA H-
na 产脿迟补ichean听听 听na 肠脿谤aichean听听na teaghlaichean听
Ach le fuaimreag (vowel): 听
na h-athraichean听听听听 na h-eathraichean听听听听 na h-脤lich听听听听 na h-Uibhistich
FAICIBH CUIDEACHD:听听 Beag air Bheag 2, Pr貌gram 10, airson barrachd air an iolra (plural).
听听
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 17 Apr 2016 21:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 20 Apr 2016 12:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 20 Apr 2016 22:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 24 Apr 2016 10:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 31 Jul 2016 21:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 3 Aug 2016 12:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 3 Aug 2016 22:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 7 Aug 2016 10:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 25 Jul 2021 21:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 28 Jul 2021 12:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 28 Jul 2021 22:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 1 Aug 2021 10:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Pr貌gram do luchd-ionnsachaidh na G脿idhlig le Iain Urchardan.