08/04/2016
'S è aoigh na seachdain-sa, an t-Ollamh Mata MacIomhair à Leòdhas, a tha 'n diugh a' fuireachd ann an Dun Èideann. John Carmichael is joined by Professor Matthew MacIver of Lewis.
Dà uair a thìde de shà r cheòl is còmhradh cuide ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Bìth Iain a' cur fà ilte an t-seachdainn sa air an Ollamh Mata MacIomhair. Rugadh is thogadh Mata ann am baile Phoirt nan Giùran sa Rudha, an Eilean Leòdhais. Tha è air a bhith cha mhòr leth-cheud bliadhna a' fuireachd ann an Dun Eideann. Chuir e seachad a shaoghal proifeasanta ag obair ann am foghlum, far a robh è aig aon à m bhos cionn Àrd Sgoil Rìoghail Dhun Èidinn, an sgoil is sine san dùthaich. Thug a chuid obrach è air feadh an t-saoghail, mar phà irt de Chomhairle Teagaisg na h-Alba is eile.
Na bhalach òg, bha Mata air a ghreimeachadh le ball-coise, agus tha sin fìor chun a là 'n diugh. Sè sgrìobh an leabhar Playing For The Red Jersey a chaidh fhoillseachadh bho chionn dà bhliadhna, a' comharrachadh 80 bliadhna bho chaidh sgioba Rudha FC a stèidheachadh. Bìth è cuideachd a' sgrìobhadh colbh gach mios airson an iris An Rudhach, agus tha bhith leantainn sgioba Hibernian FC, na rud cudtromach dha rìreabh na bheatha.
Tha Mata air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh agus poileataigs na Gà idhlig thar nam bliadhnaichean, mar eisimpleir na chathraiche de Chomataidh Craolaidh na Gà idhlig, agus de Bhòrd na Gà idhlig. Chaidh urram a CBE a bhuileachadh air ann an 2007, airson seirbheisean do foghlum.
Cluinnidh sinn seanchas Mhata, agus ceithir de na ròghainnean ciùil pearsanta aige. Mar is à bhaist cuideachd, bith measgachadh math de cheòl is òrain air a thaghadh dhuinn le Iain fhèin, a' toirt a-steach cuid de na guthan 'country' is fheà rr a th'ann.
Two hours of chat and music with John Carmichael broadcasting LIVE from the Â鶹Éç studios in Glasgow. John welcomes another special guest for engaging chat, craic and an exceptional array of music including Americana, folk, Celtic and country and western. Stand by for some old classics and newly released songs.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clip
-
²Ñ²¹³¦'¾±±ô±ô±ð²Ñ³ó쳦³ó±ð¾±±ô 080416
Duration: 03:14
Broadcast
- Fri 8 Apr 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal