Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Tony Dilworth à Dùn Èideann

Seirbheis bho 2009 còmhla ri Tony Dilworth, nach maireann, à Dùn Èideann. Gaelic archive service from 2009 conducted by the late Tony Dilworth from Edinburgh.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus leughaidhean a leanas:

Salm 63: 1-2 air fonn London New agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Gillebrìde MacIlleMhaoil a' seinn an laoidh, Ùrnaigh Naomh Prainnseas

Salm 121 air a sheinn le Coitheanalan Eaglaisean Thiriodh

Laoidh Chaluim Chille air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla.

Leughadh : Marcus 2: 23-28 agus 3: 1-5

Chaidh Tony a thogail ann an Dùn Èideann ged a chaidh a bhreith ann am Bolton. Nuair a bha e a' fàs suas cha robh cus eòlais aige air Gàidhlig na dùthcha seo ach seach gun robh a sheanmhair à Èirinn bha barrachd eòlais aige air Gaeilge na h-Èireann.

Aig trì bliadhna deug chaidh Tony gu Abaid Chille Chuimein airson leantainn ann am foghlam agus gach treas seachdain bha e a' faighinn cothrom a dhol a-mach a choiseachd na monaidhean, rud a bha còrdadh ris gu mòr. Bha e a' gabhail ùidh mhòr ann an ainmeannan àite mun cuairt air. B' ann aig an àm seo a thòisich e air ùidh a ghabhail anns a' Ghàidhlig, rud a lean ris fad a bheatha . Bhiodh e cuideachd a' leughadh tòrr airson a' Ghàidhlig aige a thoirt air adhart agus a' dol a-mach a bhruidhinn ri daoine a bha ag obair timcheall na sgoile aig an robh Gàidhlig agus a bha tighinn bho dhifir sgìrean, leithid fear às an Drochaid Bhàin, an t-Eilean Dubh agus balach à Àrasaig.
Chaidh Tony dhan na Paras mar phàirt den t-Seirbheis Nàiseanta aige. Às dèidh sin chaidh e a dh' Oilthigh Dhùn Èideann far an do rinn e Ceilteis/Laidinn agus Phonetics. Às dèidh ceumnachadh phòs e tè à Cille Chuimein. Bha e cuideachd a' sàs ann an Sgrùdadh na Gàidhlig far an robh e a' tadhail air iomadach àite thairis air trÌ bliadhna a' sgrìobhadh faclan Gàidhlig ann a phonetics agus a' clàradh difir ghuthan. Chaidh e an uair sin air ais dhan oilthigh, an turas seo a dh' Obar Dheathain, airson teisteanas fhaighinn ann an teagasg. Nuair a bha e deiseil anns an oilthigh, fhuair e obair teagaisg ann an Dùn Èideann far an robh e gus an do ghluais e gu Tanzania ann an 1964.
Thill e air ais a Dhùn Èideann agus thug e còig bliadhna deug na cheannard air Sgoil an Naoimh Prainnseas bho 1975 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1990, obair a chòrd ris gu mòr. Às dèidh a dhreuchd a leigeil seachad cha robh e na thàmh oir bha e a' dèanamh obair saor-thoileach do Sgoil Eòlais na h-Alba agus bhiodh e cuideachd bho àm gu àm os cionn na searmoin Ghàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.

30 minutes

Tony Dilworth

Tony Dilworth

Broadcasts

  • Sun 21 Feb 2016 21:00
  • Sun 8 Mar 2020 21:00
  • Sun 5 May 2024 21:00