Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 82

Trioblaidean a' gluasad dhaoine agus stuth bho aon cheann na dùthcha chun a' chinn eile. The war begins to impact on the transport of goods and people throughout Scotland.

Bha artaigilean ann an cuid de na pàipearan-naidheachd Gàidhealach meadhan a' Ghearrain 1916 mun bhuaidh a bha aig a' Chogadh, a bha nise air a bhith dol bliadhna gu leth, air cùisean aig an taigh, is gu h-àraidh na duilgheadasan a bha an cois gluasad dhaoine agus stuth bho aon cheann dhen dùthaich chun a' chinn eile.

Tha 'Litir Ghlaschu' anns an Ross-shire Journal air an 18mh ag innse mu ghoireas ùr ann an Stèisean na Bànrigh ann an Glaschu a bha feuchainn ri cùisean a dhèanamh nas fhasa dha na saighdearan a bha air ais is air adhart às a' Chogadh.

Bha duilgheadasan àraidh aig tuathanaich sa cheann-a-tuath a' faighinn biadh is bathar eile chun nam bailtean aig deas far an robh cruaidh fheum air. Chaidh coinneamh a chumail an Inbhir Nis air an t-seachdain seo ann a 1916 eadar riochdairean o na colaistean àiteachais agus Bòrd an Àiteachais airson feuchainn ri freagairt fhaighinn dhan a' cheist seo. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu na draghan a bh' ann.

10 minutes

Last on

Fri 19 Feb 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 18 Feb 2016 21:00
  • Fri 19 Feb 2016 11:50