Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha Murray a-mach ann an Jeep Reenegade agus tha Màiri Ross a' suidhe deuchainn BARS airson a bhith na draibhear railidh. Murray test drives the Jeep Reenegade.

Tha Màiri Ross ag iarraidh a bhith na dràibhear ralaidh, ach an toiseach feumaidh i an deuchainn BARS aice a shuidhe. Tha i a' siubhal bho Leòdhas gu Knockhill ann am Fìobha gus feuchainn air. Tha Bob, an sgrùdaiche, a' faicinn mearachdan san dràibheadh aice agus tha e a' toirt comhairle dhi. Ach an dèan i an gnothach air faighinn tron deuchainn?

Tha Murray air cùl na cuibhle anns an Jeep Renegade. 'S toil leis na càraichean aige a bhith mòr agus tomadach, agus tha an Renegade mar a dh'iarradh e.

Agus tha an ralaidh air cridhe na Gàidhealtachd a ruigsinn. Tha na seallaidhean àlainn ach 's beag for a th' aig na sgiobaidhean 's iad ro thrang an aire a thoirt 's iad nan cabhaig gus dùbhlan na seachdain seo a bhuannachadh. Dè an dìol a bheir iad air na h-ablaich an t-seachdain seo?

'Air an Rathad' - 's ann mu na càraichean a tha e!

Petrolhead Mairi Ross wants to be a rally driver, but first she has to pass the BARS test. She travels from Lewis to Knockhill in Fife to try her luck. Examiner Bob spots a few driving errors and shares some tips. Is it enough for Mairi to pass?

Murray is behind the wheel of the new Jeep Renegade. He likes his cars big and beefy, and the Renegade fits the bill.

And the Rally has made it to the heart of the Highlands. The scenery is lovely, but the teams are too busy to notice as they race to win this show's challenge. What will they put their wrecks through this time?

30 minutes

Broadcasts