2/2 An t-Urr Donnchadh MacLeòid, Eaglais Shaor Pheairt 1997
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Donnchadh MacLeòid, Eaglais Shaor Pheairt 1997 Gaelic religious service with Rev Duncan MacLeod, Perth Free Church, from 1997.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 116: 1-2 air fonn St David agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Free North ann an Inbhir Nis.
Salm 45: 10-11 air fonn Free Church agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.
Leughadh: Marcus 14: 1-11
Ceann-teagaisg: Marcus 14: 1
Rugadh an t-Urr Donnchadh MacLeòid ann an Cà rlabhagh ann an 1954. Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Chà rlabhaigh, an Sgoil MhicNeacail agus an Oilthigh Obar Dheathain mus deach e a-steach airson na ministrealachd.
Na òige ann an Cà rlabhagh, 's e glè bheag de Bheurla a bh' aige. Ri chuimhne fhèin, 's e na ciad fhacail Bheurla a thuirt e nuair a bha e anns an sgoil, "Please Miss, may I leave the room?"
Bha, agus tha, ùidh mhòr aig Donnchadh anns a' chà nan agus anns a' chultar agus 's e obair neach-teagaisg Gà idhlig a' chiad obair a bh' aige às dèidh ceumnachadh à Oilthigh Obar Dheathain. Bha e a' teagasg airson ùine an Uibhist ann an sgoiltean Dhalabroig agus Phaibeil. Chaidh Donnchadh air ais dhan cholaiste ann an 1980 - an turas seo gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd ministeir a thoirt a-mach.
Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1983 ann am Bun Ilidh agus bha e an sin gu 1996 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Pheairt, far an robh e airson mu chòig bliadhna deug. Ann an 2011 chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhòrnaich. Bha Mgr MacLeoid cuideachd airson deich bliadhna na fhear-deasachaidh air Colbh Ghà idhlig iris mhìosail na h-eaglaise, The Monthly Record.
Tha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise agus gu sònraichte ann an sgioba ball-coise Partick Thistle. Tha e pòsta aig Mòrag à Sgalpaigh agus tha triùir a theaghlach aca.
Last on
An t-Urr Donnchadh MacLeòid
Broadcast
- Sun 31 Jan 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal