Main content
Sorry, this episode is not currently available

Luach còig notaichean ga chosg air leabhraichean ann am bùth chathrannais

A bheil leasachaidhean turasachd ann an àiteachan breagha a' milleadh coltas an àite? Does tourist development spoil natural beauty or make it more accessible for all?

Cha robh Henry Worsley ach deich mìle fichead bho cheann uidhe a ruighinn ann an Antarctica nuair a b' fheudar dha cuideachadh iarraidh. Ach gu mì-fhortanach dha fhuair e peritonitis a thug am bàs dha. Tha taisgealaichean leithid Henry Worsley air am faicinn mar fìor ghaisgich agus daoine treun a tha a' cuir an cuirp agus an inntinnean tron an t-uabhas airson slighe chunnartach a choileanadh. Gheibh sinn a-mach a bheil taobh eile air an seo? Mar eisimpleir dè mu dheidhinn na teaghlaichean aca a tha air am fàgail aig an taigh?

Cuideachd cluinnidh sinn dè seòrsa gnè neach tha air an tarraing gu cur-seachadan cunnart. Tha Dòmhnall Macleòid an sìc-eòlaiche a' mìneachadh.

Tha gu leòr againn air dealbhan nam mucan mara a thàinig gu tìr air costa an ear Shassuinn bho chionn ghoirid. Chaidh rannsachadh a dhèanamh air na còig Sperm Whales le luchd-saidheans 's iad a' feuchainn ri dearbhadh fhaighinn air carson a bhàsaich iad. A-nis tha comhairle ionadail na sgìre a' dèanamh deiseil airson na beist a ghluasad airson cuidhteas fhaighinn dhiubh. Dè na riaghailtean a tha an lùib a bhith a' gluasad a leithid agus dè cho doirbh 'sa tha e?

Dh' fhaodadh gun tig Ionad Turasachd a thogail aig aon de na seallaidhean as brèagha a tha anns an Eilean Sgitheanach Bodach an Stòrr. A bheil seo a' toirt barrachd chothroman do dhaoine an sgìre fhaicinn no a bheil e a' dèanamh milleadh air an àrainneachd.

Agus gheibh sinn a-mach dè na leabhraichean a cheannaich Dòmhnall Iain Mac a' Ghobhainn le còig notaichean ann am bùth chathranntas.

bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 28 Jan 2016 21:13

Broadcasts

  • Thu 28 Jan 2016 09:00
  • Thu 28 Jan 2016 21:13