Sgeulachdan - deireadh 'Ron t-Sneachda Mhòr' agus 'Roll on de-mob'
An tuilleadh sgeulachdan às a leabhar aig Tormod Caimbeul. An-diugh deireadh 'Ron t-Sneachda Mhòr' agus 'Roll on de-mob'. More short stories from Norman Campbell of Ness.
Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chà ich anns a' leabhar à lainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.
Ann a 1992, agus e air fhastadh mar sgrìobhadair aig Roinn an Fhoghlaim de Chomhairle nan Eilean, chaidh cruinneachadh de na sgeulachdan aige, Hostail agus Sgeulachdan Eile, fhoillseachadh do dheugairean, sgeulachdan stèidhichte air a là ithean-sgoile ann a Steòrnabhagh sna 50an. Chaidh an craoladh an toiseach ann a 1993 agus 's iomadh facal a thog iad am measg shean is òg. Gur math as fhiach èisteachd riutha uair eile!
Bhà saich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dà mhair.
Last on
Broadcasts
- Mon 18 Jan 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 18 Jan 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Jan 2016 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal