Main content
Sorry, this episode is not currently available

Gaelic motoring show. Linda, Donnie and Murray are back with a brand new series of Air an Rathad. Tha Linda, Donnie agus Murray air ais le sreath ùr de Air an Rathad.

Tha Linda, Donnie agus Murray air ais far an còir dhaibh a bhith, air cùl na cuibhle. Bidh iad a' toirt am beachd air na càraichean as ùire air a' mhargaidh, a' gabhail pàirt ann an ralaidhean club chàraichean agus a' lidrigeadh seann charbadan air feadh na h-Alba. Tha Air an Rathad air ais le ìomhaigh ùr agus sreath ùr!

Tha Donnie a' dèanamh air ceann a tuath na Suaine airson sàr-oideachadh fhaighinn ann an dràibheadh deighe. Tha, Mikaela Kottulinsky, a tha na sàr-dhràibhear ralaidh, a' sealltainn dhan bhalach à Nis mar bu chòir dha dèanamh. Tha Linda a' faighinn fios mu sheann chàr cliùiteach, an Vauxhall Viva, agus tha i a' toirt a beachd air an Viva ùr a th' air a' mhargaidh. Saoil am bi daoine cho measail air 's a bha iad air a' chiad fhear? Tha Murray còmhla ri Fiona NicChoinnich aig Margaidh Chàraichean Thainstone gus seann ablach fhaighinn a bhios earbsach gu leòr airson a' chùis a dhèanamh air Linda agus Donnie ann an dùbhlan ùr - Ralaidh na Trealaich. Tha iad air an dòigh leis na cheannaich iad, Golf GTi - ach fuirich ort, chan eil cùisean mar a shaoileadh tu...

Linda, Donnie and Murray are back where they belong, in the driving seat. They're test driving the newest cars on the market, taking part in car club rallies and thrashing old bangers round Scotland. Air an Rathad is back with a new look and a brand new series!

Donnie travels north to Sweden for a masterclass in ice driving. Former rally champion Mikaela Kottulinsky shows the boy from Ness how it's done. Linda learns about an old classic, the Vauxhall Viva, and shares her opinion of the new Viva on the market. Will it prove as popular as the original? Murray teams up with Fiona Mackenzie at Thainstone Car Mart to buy a banger that's
reliable enough to beat Linda and Donnie in a new challenge - Ralaidh na Trealaich. They're delighted with their purchase of a Golf GTi - but hold on, there's a twist...

30 minutes

Last on

Mon 3 Jun 2019 23:30

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Air An Rathad

Broadcasts