3/5 An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn - a' teagasg agus a' ministrealachd
Oilthigh Ghlaschu, a' teagasg agus, às dèidh comharra fhaighinn, chun na ministrealachd. Following Aonghas through university, teaching and, after receiving a sign, the ministry.
Bha an t-Urramach Aonghas Mac a' Ghobhainnna mhinistear airson còrr math air leth-cheud bliadhna, an toiseach san Eaglais Shaor agus san Eaglais Shaor Chlèireach. Chuir e seachad a' mhòr chuid dhan mhinistrealachd sin san Eilean Sgitheanach agus a Leòdhas, far a robh e a' fuireach mu dheireadh. Ach b' ann air Ghalldachd a chaidh a thogail agus chaidh sìol na ministrealachd a chur ann na bhalach gu math òg. Thà inig e gu Crìosd na bhalach aig à m an Dà rna Cogadh am Baile Ghobhainn an Glaschu, far na thogadh an teaghlach, agus bhiodh e a' gabhail a h-uile cothrom a gheibheadh e airson a bhith bruidhinn ri cho-aoisean mun t-soisgeul an uair sin agus às dèidh sin nuair a bha taghadh aige a dhol dhan oilthigh neo dhan arm. An toiseach rinn e a Sheirbhis Nà iseanta ann am Palestine agus ann a Libya, agus thill e air ais a Ghlaschu. B' urrainn dha a-nis a dhol dhan oilthigh mar a bha dùil aige, ged nach b'ann, mar a dh' innis e do Mhaureen NicLeòid, còmhnard dhan mhinistrealachd a chaidh e. Ach dh'atharraich sin nuair a fhuair e an comharra ris a robh e a' feitheamh.
Chaochail an t-Urr Mac a' Ghobhainn sa Lùnastal am-bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Thu 7 Jan 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Jan 2016 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 16 Dec 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 16 Dec 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal