Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. The events of the last three weeks of the First World War, 100 years ago.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a thòisich na feachdan Breatannach is Astràilianach a' tarraing a-mach à Anzac Cove is Bàgh Suvla ann an Gallipoli meadhan na Dùbhlachd 1915. B' e seo crìoch na h-iomairt mhòr a bha air tòiseachadh ann an Caolas nan Dardanelles faisg air bliadhna ron a seo.

Tharraing a' chuid mu dheireadh de shaighdearan Bhreatainn, Astràilia is Sealan Nuadh a-mach à Bàgh Suvla agus Anzac Cove air an 20mh den Dùbhlachd 1915. Bha an imrich air a planadh gu mionaideach agus bha i gu math soirbheachail, le dìreach mu leth-dusan saighdear a' call am beatha às a' cheithir fichead mìle a ghabh pàirt.
Cha robh air fhàgail ann an Gallipoli a-nise ach am feachd Breatannach is Frangach ann an Ceap Helles aig ceann-a-deas an rubha: chaidh iadsan a thoirt às tràth sa Bhliadhn' Ùir.
Bha an Caiptean Dòmhnall MacRath à Ploc Loch Aillse am measg na dh'fhàg Anzac Cove air an latha mu dheireadh. Tha Calum MacLeòid - 'Calum an Rathaid'- à Ratharsair ag innse mar a dh'èirich dhàsan.

Bha Latha na Nollaige 1915 gu math eadar-dhealaichte bhon chiad bhliadhna dhen chogadh an uair a chaidh na gunnachan air gach taobh an cur sìos, le saighdearan Gearmailteach is Co-chòmhraigeach a' seinn laoidhean Nollaig dha chèile agus gu h-ainmeil a' tighinn a-mach às na trainnsichean a chluiche geam ball-coise. Sna làithean ron Nollaig 1915 chaidh fios a chur chu na saighdearan a' cur nam faireachadh nach biodh fosadh sam bith ann air a 25mh den Dùbhlachd.

Cluinnidh sinn cuideachd an iomradh mu dheireadh bho leabhar-là Eòghainn MhicArtair à Cill Daltain an Ìle. Gu mì-fhortanach chan eil an còrr ri fhaotainn bho leabhar-latha Eòghainn MhicArtair às dèidh sin. Chan eil fios an do sguir e a' sgrìobhadh no, nas coltaiche, an deach an còrr de na sgrìobh e ann an 1916 air chall nuair a chaill e fhèin a bheatha aig an Somme air an 8mh den Lùnastal 1916.

30 minutes

Last on

Sun 10 Jan 2016 12:59

Broadcasts

  • Mon 4 Jan 2016 12:00
  • Mon 4 Jan 2016 22:00
  • Sun 10 Jan 2016 12:59