Os cionn na seinn bha Murdag, Ceiteag, Peigi-Ann neo Oighrig, peathraichean Dòmhnallach Bhaile an Truiseil
Clann-nighean Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill, le guthan seinn a ghlac aire a' mhòr-shluaigh. A look at Ballantrushal's MacDonald sisters, whose singing was known far and wide.
Tha sinn air fad air cluinntinn mu na Peathraichean Dòmhnallach à Siadair air taobh Siar Eilean Leòdhais agus air eòlas a chur air an cuid seinn fad is farsaing. Nise ann an ceann eile na sgìre ann am Baile an Truiseil bha teaghlach eile de pheathraichean Dòmhnallach, an teaghlach aig Aonghas Mhurchaidh Dhòmhnaill agus bha an t-seinn ri chluinntinn gu bitheanta san dachaigh acasan cuideachd. Eadar meadhan na leth-cheudan gu toiseach na seachdadan chaidh an t-uabhas chlà raidhean a' dhèanamh de theaghlach Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill nan dachaigh ann am Baile an Truiseil le Sgoil Eòlais na h-Alba. 'S e dà in spioradail agus sailm a bh' anns a' chuid is motha de na clà raidhean. B'e an rud a b' annasaiche aig an à m gur e teaghlach de cheathrar chlann-nighean a bha os cionn na seinn : Peigi Anna, Murdina, Ceiteag is Oighrig, le Murdina mar bu thrice a' cur a-mach na loidhne. Bha agus tha fhathast cuid dhen t-seinn a chaidh a chlà radh ann an Taigh Aonghais Mhurchaidh Dhòmhnaill tarraingeach do luchd-ciùil cliùiteach air feadh an t-saoghail - nam measg an neach-ciùil Martyn Bennett nach maireann, agus buidhnean drà ma eadar-nà iseanta, mar Song of the Goat.
Last on
Broadcast
- Christmas Day 2015 14:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal