Tha an Nollaig a' teannadh dlùth.
Còmhla ri Shona Nic a' Phiocair.
Fiosrachadh mu Drochaid-rathaid Fhoirthe.
Hannah le samhlaidhean Nollaig.
Leabhar ùr ga chur air bhog.
Treands na seachdain-sa còmhla ri Marnie
Agus fiosrachadh mu cheàird Nollaig a dh' fhaodadh sibh fheuchainn aig an taigh.
Last on
More episodes
Sgoilearan à Lacasdal
Tha mòran agaibh ag ullachadh airson cuirmean Nollaig. Bhruidhinn Shona ri sgoilearan à Lacasdal gus barrachd fhaighinn a-mach mun ullachadh acasan.
Cairt Nollaig
Stiùireadh airson cairt Nollaig a dhèanamh
Airson cairt Nollaig a dhèanamh feumaidh tu:
Dà bhogsa anns an robh sia uighean (no aona bhogsa anns an robh dusan ugh)
Pìos cairt, meud A4 (ann an dath sam bith)
Pìos cairt buidhe
Peant uaine agus bruis
Glaodh
Glitter/stuth sgeadachaidh (rionnagan ‘s a leithid)
Siosar
Pìos ribein
Teip steigeach
Feumaidh sibh na bogsaichean uighean a’ ghearradh nam pìosan, aon aig a’ mhullach, an uair sin a dhà, trì agus ceithir airson cumadh pioramaid a’ dhèanamh. (faodaidh sibh cumail a’ dol ma tha sibh airson craobh nas motha bhidh agaibh)
Cuir peant uaine air na pìosan air fad.
Air a’ phìos cairt A4, faodar Nollaig Chridheil a’ sgrìobhadh.
Geàrr rionnag bheag a-mach as a’ chairt bhuidhe airson a’ chur air mullach na craoibhe agus cleachd an glaodh airson an rionnag a steigeadh.
Nuair a tha am peant tioram, cleachd an glaodh airson am pioramaid a chuir air a’ phìos cairt, fon rionnag.
Cleachd glitter agus an stuth sgeadachaidh air na pìosan uaine airson coltas “solais” a chuir air a’ chraobh.
Faodar pìos ribean a’ steigeadh air cùl a’ chairt leis an teip steigeach airson a’ chraobh a’ chrochadh air a bhalla.
Broadcasts
- Fri 11 Dec 2015 14:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Sat 12 Dec 2015 12:00鶹 Radio nan Gàidheal