An t-Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Eilean Arainn 2002
Seirbheis còmhla ris an Urr Dòmhnall MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Eilean Arainn, 2002. A service conducted by Rev Donald MacLeod of Free Church (Continuing) Arran in 2002.
Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 9: 9-10 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach Liath, Inbhir Nis.
Salm 33: 18-19 air fonn Coleshill agus 's e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Port Rìgh.
Leughadh: Eòin 11: 1-36
Ceann teagaisg: Eòin 11: 3
Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Macleòid anns an Eilean Sgitheanach ann an 1931. Às dèidh dha an sgoil fhà gail, chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Naomh Anndra far an do cheumnaich e mar fhiaclair. Chuir e seachad mòran bhliadhnachan ag obair anns na sgoiltean air iomall Inbhir Nis. Thà inig atharrachadh na bheatha ann an 1959 's an dèidh deich bliadhna, chaidh e a-steach do Cholaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd na ministrealachd a leantainn.
Bha e na mhinistear ann an Loch Bhraoin airson ochd bliadhna 's às dèidh sin ann an Glaschu. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1999 ach bhiodh e toirt taic le bhith searmonachadh ann an Eilean Arainn bho à m gu à m. Tha e pòsta aig Fiona 's tha ceathrar mhac agus naoinear oghaichean aca.
Last on
An t- Urr Dòmhnall MacLeòid, Eilean Arainn
Broadcasts
- Sun 6 Dec 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Feb 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal