An Canan Calum MacNèill (nach maireann) 1997
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris a' Chanan Calum MacNèill (nach maireann) bho 1997. Gaelic archive service from 1997, conducted by the late Canon Calum MacNeil.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Èirisgeidh a' seinn Is Naomh Naomh Naomh Thu, Còisir Eaglais Naomh Moire agus Còisir Òigridh Eaglais Reul na Mara ann am Barraigh a' seinn Ainglean Chuala Sinn gu h-Àrd agus Còisir Eaglais Naomh Pheadair ann an Dalabrog a' seinn A Rìgh nan Ainglean.
Leughaidhean: Earrannan bho Leabhar an Taisbeanaidh 12/13 agus Mata 8
Fhuair an Canan Calum MacNèill foghlam aig Acadamaidh Naomh Mungo agus cho-dhùin e an uairsin gu robh e airson a bhith na shagart. Aig an à m sin bha an t-uabhas shagairtean ann an Sgìr'-easbaig Earra-Ghà idheal 's nan Eilean agus chuir e roimhe gun deigheadh e gu òrdan nan Salesianach mar mhiseanaraidh ann an 1938. Bha òrdan nan Salesianach gu mòr a' coimhead às dèidh clann òg a bha fuireach air na srà idean.
Chuir Mgr Calum seachad seachd bliadhna ann an Colaiste Miseanaraidh nan Salesianach ann an Shrigley far an robh e fhèin ag ionnsachadh agus e cuideachd a' teagasg nan oileanach. Chaidh a chur gu Turin ann an 1945 airson an teisteanas ann an Diadhachd a chrìochnachadh agus chaidh a dhèanamh na shagart anns an Iuchair 1949.
Thill e a Shasainn far an robh e a' teagasg a-rithist ann an Shrigley agus ann an Farnborough agus ann an 1957 chuir e iarrtas gu Easbaig Earra-Ghà idheal 's nan Eilean agus e airson a bhith na shagart anns a' sgìr'-easbaig sin.
'S ann gu Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog a chaidh a chur an toiseach còmhla ri Mgr Niall MacCeallaig agus bha muinntir na paraiste glè dhèidheil air. Cho fad 's a bha e ann an Dalabrog thug e dannsa Gà idhealach beò a-rithist am measg an t-sluaigh agus bha sinn gu math follaiseach aig dannsaichean ann an Uibhist agus daoine cho aotram air an casan. Chaidh e a Bharraigh airson ùine ghoirid mus deach a chur na shagart-paraiste a dh'Eirisgeidh. Bha ùidh shònraichte aige anns an eilean sin, agus tha sin gu math follaiseach anns an leabhar a thug e mach de dheilbh a rinn e fhèin de mhuinntir an à ite, Aodannan Eirisgeidh. 'S e neach-ealain sgileil a bh' ann agus rinn e cuideachd deilbh air sglèat a bha a' riochdachadh Slighe na Croise agus bha iad sin crochte airson bliadhnaichean air Creag an Fhaing anns an Acarsaid. Bha ùidh mhòr aige anns an òigridh (bhitheadh sin air leantainn ris bho bha e ann an òrdan nan Salesianach) agus cuideachd ann an eich Eirisgeidh. B' esan a chur air chois Comann Eich Eirisgeidh.
Chuir e seachad ùine cuideachd anns a' Bhagh a Tuath, am Beinn a' Bhadhla, an Gleann Fhionghain, an Ceann Loch Chille Chiarain agus mu dheireadh ann an Onich. Air sgà th a shlà inte leig e dheth a dhreuchd mar shagart paraiste ach bhiodh e fhathast a' searmonachadh bho à m gu à m a' leigeil leis na sagairt eile là ithean-saora a ghabhail .
Bha e na neach-ealain, na sgrìobhaiche agus na neach aig an robh ùidh mhòr ann an eachdraidh. A thuilleadh air a sin bha e na neach-ciùil a bha a' cluich agus a' teagasg na clà rsaich. Chithear an obair-ealain aige san uinneag mhòr ann an Eaglais Ghleann Fhionghain, uinneag a dhealbh e fhèin. Bhà saich Mgr Calum air an là mu dheireadh den bhliadhna 2003.
Last on
An Canan Calum MacNèill
Broadcast
- Sun 29 Nov 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal