29/11/2015
Tha Ruairidh ag innse dhuinn mu fuaimean son faclan leithid 'feadhainn' agus an eadar-dhealachadh a th' ann ann an deifir dhual-chainntean. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 550
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 854
Duration: 05:00
Litir 854: Fuaimneachadh ‘Feadhainn’
Ciamar a tha sibh fhèin a’ fuaimneachadh an fhacail F-E-A-D-H-A-I-N-N? Bidh feadhainn ag rà dh ‘feadhainn’. Bidh feadhainn ag rà dh ‘feadhainn’…! Tuigidh sibh gu bheil mi air duilgheadas adhbharachadh dhomh fhìn anns an litir sgrìobhte, oir tha ceithir diofar dhòighean ann airson am facal fhuaimneachadh.
           Seo iad – feÆ”in, fyeoin, feoin agus ´Ú²â±ðÆ”¾±²Ô. Ma tha sibh ag ionnsachadh na Gà idhlig, ciamar a chanas sibh fhèin e? ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn dòigh ur tidseir. ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn na dualchainnt a thathar a’ bruidhinn anns an sgìre agaibh.
           Ma tha sibh a’ fuireach ann an sgìre far an robh dualchainnt Ghà idhlig ann gu o chionn ghoirid, ged nach eil i ann an-diugh, dh’fhaodadh sibh am fuaimneachadh sin a chleachdadh. Ach bidh cuid agaibh a’ cur na ceist – ciamar a bhios fios agam mun dòigh san tuirt na daoine facal à raidh, ma tha an dualchainnt air a dhol bà s?
           Tha Dùghlas Friseal air là rach-lìn a chruthachadh le fiosrachadh mar sin oirre. Tha mapaichean ann de dh’Alba co-cheangailte ri suirbhidhean na Gà idhlig, a bh’ air an dèanamh eadar naoi ceud deug is caogad (1950), agus naoi ceud deug, seasgad ’s a trì (1963). Aig an à m sin, bha dualchainntean sgìreil fhathast beò cha mhòr air feadh na Gà idhealtachd.
           A thaobh an fhacail ‘feadhainn’, tha Dùghlas air mapa a dhèanamh dhen dòigh a bh’ aig daoine anns gach sgìre am facal fhuaimneachadh. Thathar ag rà dh ‘´Ú±ðÆ”¾±²Ô’ ann an Leòdhas agus timcheall Gheà rrloch. Anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Uibhist, Barraigh, Canaigh, pà irtean de dh’Earra-Ghà idheal is Siorrachd Pheairt, thathar ag rà dh ‘´Ú²â±ð´Ç¾±²Ô’. Thathar ag rà dh ‘´Ú±ð´Ç¾±²Ô’ ann am Muile, Àird nam Murchan is pà irtean de Shiorrachd Rois. Agus gheibhear ‘´Ú²â±ðÆ”¾±²Ô’ anns Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr, ann an Asainte agus Dùthaich MhicAoidh.
           ’S e fuaimneachadh ‘feadhainn’ dìreach aon rud air an tug Dùghlas sùil. Thug e sùil cuideachd air fuaimneachadh a’ ‘bh’ ann am meadhan facail. Mar eisimpleir, a’ chiad fhacal ann an ainm Colaiste na Gà idhlig anns an Eilean Sgitheanach – Sabhal Mòr Ostaig. Bidh cuid ag rà dh ‘sa-val’, a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’ – ach tha sin fìor dìreach ann an ceann a deas Earra-Ghà idheal. Anns a’ chòrr dhen dùthaich, bithear ag rà dh ‘so-al’ no ‘sow-al’, gun a bhith a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.
           Agus tha am facal airson river inntinneach. An can sibh fhèin ‘a-vin’ no rudeigin eile, leithid ‘a-win’ no ‘a-in’? Bidh muinntir ceann a deas Earra-Ghà idheal ga fhuaimneachadh le ‘v’. Ach bithear cuideachd ann an Leòdhas is Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr. ’S ann dìreach anns a’ mheadhan, eadar an ceann a tuath agus an ceann a deas, nach eilear a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.
           Tha tòrr fiosrachaidh eile air an là raich-lìn. Gheibh sibh an seòladh air a son anns a’ chunntas sgrìobhte dhen Litir seo air là rach a’ BhBC, là rach LearnGaelic.scot no ann am Pà ipear Beag an Eilein Sgitheanaich. Agus aon rud eile bhuaipe. Dè a’ Ghà idhlig agaibh air dream – ‘aisling’ no ‘bruadar’? Tha an diofar eadar sear is siar, seach eadar deas is tuath. Air taobh sear na Gà idhealtachd, ’s e ‘bruadar’ a chanar. Air an taobh an iar, ‘aisling’. Mo bheannachd air Dùghlas airson a chuid obrach.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: fuasgladh: solution; suirbhidhean: surveys; aisling, bruadar: dream; a chanar: that is said.Â
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Douglas M Fraser’s very interesting website, which includes maps, is to be found at . If you live in an area where a Gaelic dialect is still spoken, do as much as you can to make your speech conform to that pattern. There is great richness in the diversity of our language.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ma tha an dualchainnt air a dhol bà s: if the dialect has become extinct.
Broadcasts
- Sun 29 Nov 2015 22:28Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 2 Dec 2015 23:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.