Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Sean Ankers, Clèir Ghlaschu agus Earra-Ghàidheal den Eaglais Shaor.

Còmhla ris an Urr Sean Ankers, Clèir Ghlaschu agus Earra-Ghàidheal den Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Sean Ankers, Free Church Presbytery of Glasgow and Argyll.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus AN leughadh a leanas:
Salm 65: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm 24: 3-4 air fonn Evan agus 's e Iain MacCoinnich a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear.
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus 's e Iain Gillies Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh.

Leughadh: Ecsodus 24: 1-11
Ecsodus 24: 1-9
Rugadh Sean Ankers ann am Peairt agus bha an teaghlach cuideachd a' fuireach anns a' Ghearastan airson ùine. Tha e fhèin agus triùir pheathraichean anns an teaghlach. Chaidh e dhan sgoil ann an Lenzie agus Inbhir Nis agus cheumnaich e bho Oilthigh Obar Dheathain le ceum MA ann an Gàidhlig ann an 2011. Fhuair Sean cead-searmonachaidh an uiridh às dèidh a bhith ag ullachadh airson trì bliadhna ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson na ministrealachd. Nuair a bha e anns a' cholaiste chur e seachad ùine san Eaglais Shaor ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus ann am Baile Eòghainn. Tha Sean an-dràsta stèidhichte ann am Muile agus Sgìre Earra-Ghàidheal. Phòs e fhèin agus Virginia Nic a' Ghobhainn anns a' Ghiblein am bliadhna. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e a' ruith agus a' coiseachd nam beann.

30 minutes

An t-Urr Sean Ankers

An t-Urr Sean Ankers

Broadcasts

  • Sun 22 Nov 2015 09:00
  • Sun 22 Nov 2015 15:00