Main content
Sorry, this episode is not currently available

18/11/2015

An-diugh an oideachadh agus a' chomhairle a tha òigridh a' faighinn mu dhrugaichean. Exploring the level of education and advice young people receive about taking drugs.

Tha fichead bliadhna ann bho chaochail an deugaire Leah Betts aig aois ochd bliadhn' deug as dèidh dhith poidhle Ecstasy a ghabhail aig pàrtaidh. Thug a pàrantan cead dha na meadhanan aig an àm dealbh cumhachdail dhith a chleachdadh ga sealltainn anns an ospadal beagan làithean mus do chaochail i. Bha iad an dòchas gum biodh e na rabhadh do dh' òigridh eile gun drugaichean fheuchainn. Dh' adhbharraich bàs Leah mòran deasbad agus còmhradh mu dhrugaichean agus an beachdan air an dòigh as fheàrr comhairle agus rabhaidhean a thoirt seachad mu na cunnartan a tha nan lùib. Ach a bheil an dìleab sin air seasamh? Tha sinn a' faighinn beachd air an oideachadh a tha òigridh a' faighinn an-diugh.

Cuideachd tha sinn a' bruidhinn ris an neach naidheachd Andreas Wolff a tha an dràsta ann am Paris.

Agus sùil air na naidheachdan as ùire a tha air nochdadh ann an saoghal teicneòlas agus ceòl. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 18 Nov 2015 12:33

Broadcast

  • Wed 18 Nov 2015 12:33