Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 68

An soitheach SS Ancona dha cuir fodha agus crìoch air dàrna batal Champagne. The events of WW1 including the sinking of the SS Ancona and the Second Battle of Champagne.

Air an 6mh den t-Samhain 1915 , thàinig crìoch oifigeil air dàrna batal Champagne. B' e seo an ionnsaigh a thòisich na Frangaich air a' 25mh dhen Sultain. Chailleadh faisg air ceud gu leth mìle saighdear Frangach ri linn, agus, ged a chaidh aca air gluasad air adhart suas ri dà mhìle gu leth ann an àiteachan, cha deach aca, an àite sam bith, air dàrna loidhne-dìon nan Gearmailteach a ghlacadh. Chaill na Gearmailtich còrr air ceithir fichead mìle duine, le còig air fhichead mìle dhiubh sin nam prìosanaich aig na Frangaich.

Agus mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse chaidh am bàta Eadailteach SS Ancona a chur fodha air an 7mh den t-Samhain far chosta Tunisia leis a' bhàt'-aigeil, U-38, a bha seòladh fo bhratach na h-Ostair. Bha an Ancona, làn luchd-siubhail, air a slighe à Messina gu New York, agus chailleadh còrr air dà cheud duine, naoinear Ameireaganach nam measg. A' tighinn dìreach sia mìosan an dèidh call an Lusitania, chuir call an Ancona ris an fhearg mu chogadh nam bàtaichean-aigeil, a bha sìor dhol am meud an Ameireagaidh. Cluinnidh sinn mu na rinn na h-Ameireaganaich mu dheidhinn.

10 minutes

Last on

Fri 13 Nov 2015 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 12 Nov 2015 21:00
  • Fri 13 Nov 2015 11:50