An t-Urr Calum Moireasdan - Blà r an Somme
Sgeulachd an Urr Calum Moireasdan a bh' anns na trainnsichean aig an Somme. An account from Rev Calum Morrison of the many horrors witnessed at the Battle of the Somme.
B' ann do Dhail bho Dheas a bhuineadh Calum Moireasdan, Calum Aonghais Thormoid, a bha anns na trainnsichean ann am Blà r an Somme, blà r cho fuilteach sa bh' anns a' Chiad Chogadh, 's a dh'fhà g mu mhillean saighdear, bho gach taobh, marbh neo air a leòn. 'S ann còmhla ri Rèiseamaid nan Camshronach a chaidh Calum dhan Fhraing agus thà rr e beò bho raon an Somme far am faca e uabhasan bha dìreach eagalach. Thug e cunntas mionaideach dha na thachair dha ann an clà radh a rinn e dha Comann Eachdraidh Nis nuair a bha e ceithir fichead bliadhna sa còig. Anns a' chlà radh tha Calum a' bruidhinn mu fhuil ga dòirteadh agus daoine gan reubadh às a chèile agus gur iomadh uair a bhiodh e a' smaoineachadh dè bu chiall dhan seo agus carson a bha esan ann?
Coltach ri tòrr theaghlaichean eile cha robh mic Chaluim - Aonghas, Ronnie agus Calum a' cluinntinn mòran bhon athair mun chogadh, ma bha cà il idir. Anns a' phrògram tha iad ag innse do dh' Angela NicIlleathain na faireachdainn a bh' aca à g èisteachd ris a' chlà radh air leth prìseil seo.
Last on
An t-Urr Calum Moireasdan
Copyright: Comunn Eachdraidh Nis
Ronnie, Calum agus Aonghas Moireasdan
Broadcasts
- Thu 12 Nov 2015 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 12 Nov 2015 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Nov 2015 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal