Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Cha robh gnothaichean a' dol gu math do dh'Arm Bhreatainn is na Frainge ann an Gallipoli. Bha Iomairt an Lùnastail aig Bàgh Suvla air fàiligeadh agus cha robh an riaghaltas aig an taigh toilichte le mar a chaidh a làimhseachadh. Air a' 15mh den Dàmhair chaidh Sir Iain Hamilton, a bha na Àrd-Chomanndair air Iomairt na Lùnastail, a chur às a dhreuchd agus chaidh Sir Teàrlach Monro a chur na àite.
Chaidh Alasdair MacFhearghais à Port Sgioba an Ìle a mharbhadh san Fhraing air an t-seachdain sa agus cluinnidh sinn earrann de bhàrdachd a rinn Donnchadh MacNimhein dha. Bha sabaid a' dol mun cuairt Loos fhathast, le feachdan Bhreatainn a' toirt ionnsaigh eile air na trainnsichean aig an Hohenzollern Redoubt air an treas là deug agus chailleadh grunnan eileanaich eil a sin.

Air an 17mh dhen Dàmhair 1915 ghabh Sir William Birdwood thairis uallach eadar-amail nam feachdan sa Mhuir Mheadhan Thìreach bho Sir Iain Hamilton. Air an naoitheamh latha deug chuir Riaghaltas Iapan cuideachd an ainm ri Gladhach no Declaration Lunnainn. Bha Breatainn, an Ruis agus an Fhraing air aonta a ruighinn mar-thà air a' cheathramh latha dhen t-Sultain agus fon aonta seo bha gach dùthaich a' toirt gealltanas nach feuchadh iad ri sìth a ruighinn leotha fhèin no cùmhnantan sìthe iarraidh as aonais aonta bho na dùthchannan eile.

Air an 19mh chaillear Dòmhnall Caimbeul, iasgair à Bhatarnais san Eilean Sgitheanach. Bha Dòmhnall air an tràlair HMT Erin 11 a bha air a h-obrachadh aig an àm leis a' Chabhlach Rìoghail. Bha iad a' sguabadh airson mèinnean a-mach bhon Nab Lightship faisg air Eilean Wight. Tràth madainn an lathairne mhàireach, chaidh eileanach eile a chall san aon sgìr-uisge as dèidh dhan t-soitheach 'Star of Buchan' a bhith air a spreadhadh le mèinn eile.

Tràth air madainn an 28mh dhen Dàmhar chaidh an cruiser cogaidh HMS Argyll air na creagan air taobh sear na h-Alba le còrr is sia ceud de chriutha air bòrd. Bha side mara uabhasach ann air oidhche an t-seachdamh latha fichead dhen Dàmhar le gèilltean, muir bheucach agus dìle bhàite 's an HMS Argyll a' feuchainn ri a slighe a dheànamh gu Ros Saoithe. Bha aon cheum eile aice ri fhaighinn seachad air mus ruigidh i port agus b'e sin a dhol timcheall Creag Inchcape air an robh taigh-sholuis am Bell Rock na sheasamh. Ach cha robh sin furast' an àm a' chogaidh mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill aig innse.

Chaidh an HMS Hythe fodha sna Dardanelles. Bha i air a bhith a' seòladh às aonais solais gus ionnsaighean Turcach a sheachnadh, an uair a bhuail i ann an soitheach eile, HMS Sarnia a bha a' tilleadh a-mach às na Dardanelles as dèidh saighdearan a chur air tìr. Chaillear còrr air ceud gu leth den chriutha.

30 minutes

Last on

Sun 8 Nov 2015 13:02

Broadcasts

  • Mon 2 Nov 2015 12:00
  • Mon 2 Nov 2015 22:00
  • Sun 8 Nov 2015 13:02