Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na guthan seinn a choisinn buinn òir aig mòdan nàiseanta anns an Òban eadar 1962 is 1992. Winners of the gold medals at national mods held in Oban from 1962 to 1992.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a stèidheachadh ann am baile an Òbain ann an 1892. 'S am-bliadhna tha na mìltean air dèanamh air an Òban a-rithist agus am Mòd ga chumail ann airson an t-seachdamh turas deug. 'S iomadh bonn is duais a thèid a thoirt seachad thairis air an t-seachdain ach chan eil gin dhiubh cho cudromach no cho gleansach ri na buinn òir airson seinn: Bonn Òir a' Chomuinn agus Bonn Òir an t-Seann Nòis.

Anns an t-sreath seo tha sinn gar toirt air ais tro na bliadhnaichean airson sùil a thoirt air an fheadhainn a ghlèidh na prìomh bhuinn aig mòdan san Òban thar na leth-cheud bliadhna a chaidh seachad, eadar 1962 is 1992,
Tha sinn a' coinneachadh ri tè de chaileagan an Obain fhèin. Chaill i Freshers' Week san oilthigh ann an 1962 ach ghlèidh i am prìomh bhonn, Bonn Òir a' Chomuinn aig aois 17, 's ise Anna Latharna NicIllÌosa.
Ann an 1978 chaidh Bonn Òir a' Chomuinn gu tè de Chlann 'icDhùghaill agus i a' buannachadh na dùthaich fhèin. Agus gheibh sinn a-mach dè an ceangal a tha eadar am Mòd agus uinneanan ann am picil, balach òg a' faighinn eòlas air paparazzi a' Mhòid agus tè de luchd-glèidhidh nam bonn a' caoidh an dreasa thartain.

57 minutes

Broadcasts

  • Sun 11 Oct 2015 09:30
  • Sat 19 Oct 2024 11:00