15/10/2015
A' comharrachadh fichead bliadhna bhon a dh'fhosgail drochaid an Eilean Sgitheanaich. Marking 20 years since the Skye Bridge opened.
An-diugh tha Coinneach a comharrachadh gu bheil fichead bliadhna bho a-maìreach bhon a chaidh Drochaid an Eilean Sgiathanaich fhosgladh.
Bha ùpraid gu leòr a' dol aig an à m mu chosgais na drochaid. Cluinnidh sinn bho fheadhainn a bha an sàs anns an iomairt an aghaidh na cìsean agus bho fheadhainn a bha an là thair aig an à m. B'e an drochaid aon de na chiad phròiseactean mòra a chaidh a thogail ann an Alba fo sgeama-ionmhais PFI. Cluinnidh sinn mar a leudaich sin gu mòr bhon uairson agus gheibh sinn beachd air buaidh na drochaid air an eilean thairis air na fichead bliadhna a chaidh seachad.
Chaidh leabhar ùr a chuir air bhog feasgar an-dè (Diciadain 14) aig a' Mhòd agus 's e sin Ceòl Chaluim - leabhar de cheòl na pìoba a sgriobh Calum Caimbeul à Beinn na Faoghla o chionn iomadach bliadhna. Bi mac Chaluim, Niall agus piuthair Chaluim, Catriona Garbutt còmhla ri Coinneach airson beagan innse mu dheidhinn. 'S bi Cailean MacIlleathain a bha eòlach air Calum agus a tha na shà r-eòlaiche air ceòl na pìoba còmhla riutha.
Agus cluinnidh sinn mu thaisbeanadh ùr de dhealbhan-camara a tha air fosgladh ann an Dùn Èideann - "In Pictures: Life In Scotland's Slums In the 1960's. Chaidh an t-Ollamh Urramach Dòmhnall MacLeòid ga fhaicinn. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 15 Oct 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 15 Oct 2015 22:40Â鶹Éç Radio nan Gà idheal