Main content
Sorry, this episode is not currently available

16/09/2015

Tha stoidhle Jeremy Corbyn fon phrosbaig an dràsta ach a bheil aodach na dhragh dha na fir. Asking whether men care what they wear as Jeremy Corbyn's dress sense makes the news.

Tha Jeremy Corbyn air dreuchd Ministeir airson Tinneas-Inntinn a chuir air dòigh anns an sgioba aige airson a chiad uair. Tha dòchas ann gun toir seo barrachd àire do thinneasan-inntinn. Dè an diofar a nì seo do dhaoine a tha a' fulang? Gheibh sinn a-mach bho eolaicean dè eile a dh' iarraidh iad a bheireadh barrachd taic do rannsachadh agus a dh'fhagadh suidheachaidhean cùram nas fhèarr.

Tha Corbyn ag adhbharacahdh tòrr còmhradh le sheòrsa aodach cuideachd. Chan eil feadhainn a' smaoineachadh gu bheil a stoidhle sgiobalta no snasail agus thathar a beachdachadh gun atharraich seo 's e a-nis os cionn a' phàrtaidh Làbarach. Dè cho mothachail 's a tha fir dhan a stoidhle aca fhèin?

Chaidh an dealbh chluich The Cheviot the Stag and the Black Black Oil, dealbh-chluich air a' sgrìobhadh le John McGrath, a shealltain an toiseach ann a 1973. Tha an dealbh-chluich ainmeil seo a' sgrùdadh eachdraidh nan Gàidheil bho na fuadaichean gu buaidh Ola a' Chuain a Tuath agus thathar ga shealltain an dràsta ann an talla-cluiche an Dundee Rep. Chaidh Iain Moireasdan ga fhaicinn agus tha e a' toirt a bheachd air agus tha sinn a' bruidhinn cuideachd ri Calum Dòmhnallach a tha na chleasaiche san dealbh. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 16 Sep 2015 12:33

Broadcast

  • Wed 16 Sep 2015 12:33