An t-Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba Port Rìgh
Seirbheis bho 2001 còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan, Eaglais na h-Alba Port Rìgh. Gaelic archive religious service conducted by Rev John Ferguson, Portree Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 2: 7-8 air fonn Montrose agus 's e Eòin MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 45: 10-11 air fonn Torwood agus Dòmhnall Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughaidhean: Eòin 6: 1-15 & Leabhar an Taisbeanaidh 19: 11-13
Ceann-teagaisg: Leabhar an Taisbeanaidh 19: 11-13
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain ann an Uibhist a Tuath anns a' Mhà irt 1937. An dèidh dha an sgoil fhà gail bha e ag obair ann an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an à m sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.
Thà inig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b'ann sa bhliadhna as dèidh sin chaidh e gu Colaiste a Faith Mission ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. As dèidh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gun robhas ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an Òg Mhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chlèir Ghlaschu agus anns an Dà mhair a' bhliadhna sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann a Nis ann a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanal ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far an robh e fhathast a' searmonachadh bho à m gu à m.
Phòs Mgr Fearghasdan Oighrig NicPhà il ann an 1969 agus bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad . Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, Crown Him Lord of All, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhà saich e agus air na chuir Oighrig crìoch.
Bhà saich Iain air an t-siathamh là den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
An t-Urr Iain Fearghasdan
Broadcasts
- Sun 13 Sep 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Feb 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Nov 2021 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Aug 2024 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal