Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 56

Iomradh air ceathrar Sgitheanach a chailleadh aig deireadh Iomairt an Lùnastail, Gallipoli. The Autumn Offensive in Gallipoli ends and the losses include four men from Skye.

Ann an Gallipoli air an treas seachdain dhan Lunastal bha an 'Autumn Offensive', a-nise seachad is an cogadh air ais anns na trainnsichean, le glè bheag gluasad taobh seach taobh. Bha an call-beatha àrd fhathast, ge-tà. Am measg na chaidh a mharbhadh air an t-seachdain seo bha ceathrar às an Eilean Sgitheanach - Alasdair MacFhionghain a rugadh sna Torran; Alasdair MacFhionghain, 'Aileagan Màiri Anna', à Cill Mo Luaig; Iain MacThòmais a rugadh am Port Rìgh agus Dòmhnall MacMhaoilein a rugadh cuideachd am Port Rìgh.

Airson misneachd nan saighdearan sna Lovat scouts a thogail an Gallipoli, bha an Caiptean aca, Uilleam Mac an Tòisich, air botal uisge-bheatha a ghealltainn airson an saighdear a b' fheàrr a dhèanamh òran mun a' phlatùn aige. 'S e Uilleam MacCoinnich à Asalaig faisg air Gleann Eilg a bhuannaich an duais le Òran nan Lovat Scouts agus cluinnidh sinn ceathramhan dhan òran sa phrògram.

'S e Gilleasbuig MacDhòmhnaill a tha a' toirt thugaibh a' phrògraim.

10 minutes

Last on

Fri 21 Aug 2015 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 20 Aug 2015 21:00
  • Fri 21 Aug 2015 11:50