Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 54

Ionnsaigh an Lùnastail a' tòiseachadh aig Ceap Helles an Gallipoli. The August Offensive began at Cape Helles in Gallipoli this week in 1915.

Thòisich iomairt ùr ann an Gallipoli toiseach an Lùnastal 1915, fo stiùireadh Sir Iain Hamilton. Bha na feachdan Breatannach is Frangach a chaidh air tìr sa Ghiblinn aig Ceap Helles, an ceann a deas Ghallipoli, air a bhith glaiste anns na trainnsichean on uair sin, gun chomas bristeadh a-mach on chosta. Bha feachdan Astràilia is Sealan Nuadh aig Anzac Cove, beagan tuath air Helles, san aon t-suidheachadh.

Bha an iomairt ùr aig Hamilton, 'Ionnsaigh an Lùnastail' no 'the Autumn Offensive', a' gabhail a-steach feachd a chur air tìr ann an àite ùr, Bàgh Suvla mu chòig mìle tuath air Anzac Cove, agus ionnsaigh a thoirt air talamh àrd Sari Bair os cionn Anzac Cove aig an aon àm. Dh'òrdanaich e cuideachd ionnsaighean nas lugha ann an àitichean eile gus an t-Arm Turcach a tharraing air falbh à Suvla.

Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh dhan chiad seachdain dhen iomairt.

10 minutes

Last on

Fri 7 Aug 2015 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 6 Aug 2015 21:00
  • Fri 7 Aug 2015 11:50