Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sarah Fhriseal agus Iona NicIlleDhuinn

Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis aoighean mu na leabhraichean as fheàrr leotha. Anna Macleod and two guests discuss their favourite books.

Tha Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis eile mu na leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mum beatha. An t-seachdain sa 's e dà thidsear a tha a' deànamh an taghaidh: Sarah Fhriseal agus Iona NicIlleDhuinn. Thogadh Sarah Fhriseal ann an Uibhist a Tuath agus cluinnear mun leughadh a bhiodh i a' deànamh an sin. An-diugh ge tà tha leabhraichean còcaireachd a cheart cho cudromach dhi ri uirsgeul Lochlannach neo 'Scandi-noir'.
'S ann à Tiriodh a tha Iona NicIlleDhuinn agus tha i an-diugh a' teagaisg ann an Uibhist a Deas. Tha an taghadh leabhraichean aice a' gabhail a-steach an sgaradh eadar daoine geala is dubha an Ameireaga agus leabhar òrain a th' air a dheagh chleachdadh!
A bharrachd air a bhith a' bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha tha iad air moladh aon dhiubh sin dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach an do chòrd na leabhraichean riutha neo nach do chòrd!

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 21 Jul 2015 12:00
  • Tue 21 Jul 2015 22:00
  • Sun 26 Jul 2015 10:00
  • Sun 10 Jan 2016 09:31