Main content
Sorry, this episode is not currently available

Le aoigh Steaphan MacRisnidh, a tha na sgrìobhaiche is eadar-theangair. With guest Steven Ritchie, a writer and translator from Dundee.

Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Còmhla ri Iain an t-seachdainn sa bìth Steaphan MacRisnidh, a rugadh ann an Dùn Dèagh agus a chaidh a thogail ann am Port Bhruachaidh. Tha e ag obair na eadar-theangair Gàidhlig agus Fraingis, a bharrachd air a bhith teagasg Beurla agus Gàidhlig air-loidhne. Cheumnaich Steaphan ann an Fraingis is Iapànais aig Oilthigh Shruighlea, agus tha e air obrachadh an dà chuid sa Fhraing, ann an Grenoble, a' teagasg Beurla agus ann am bailtean Tokyo agus Saitama an Iapàn, far an robh e suidhichte ann an diofar sgoiltean Bheurla.
Bidh Steaphan cuideachd a' sgrìobhadh. Ann an 2014, fhuair e aon de Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra bho Chomhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba.
Cluinnidh sinn naidheachdan Steaphain, a bharrachd air ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aige. Mar as àbhaist cuideachd, bidh roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain air an liosta ciùil aig Iain. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.

2 hours

Last on

Fri 17 Jul 2015 21:00

Steaphan MacRisnidh agus Iain Mac 'ille Mhìcheil

Steaphan MacRisnidh agus Iain Mac 'ille Mhìcheil

Broadcast

  • Fri 17 Jul 2015 21:00