Episode 12
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh G脿idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur G脿idhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu s貌nraichte do luchd-ionnsachaidh na G脿idhlig.
Gach seachdain tre貌raichaidh Iain Urchardan sibh tro ch貌mhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn G脿idhlig.
An t-seachdainsa tha Iain a' c貌mhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Sandra Malley agus a' cluinntinn mu a roghainn-ci霉il. Tha an t-Ollamh Michel Byrne a' coimhead ri 脿ireamhan ann an Oisean a' Ghr脿mair agus tha fiosrachadh mu chlasaichean G脿idhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week John meets learner Sandra Mallley, grammar expert Dr Michel Byrne's topic is numbers and Siobhan MacInnes has details of classes and events for learners. 麻豆社 Gaelic archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Pr貌gram 12
Duration: 55:41
-
Tar-sgr矛obhadh: Mac'illeMh矛cheil
Duration: 02:07
-
Tar-sgr矛obhadh: Sgeulachd Beatha
Duration: 01:56
-
Tar-sgr矛obhadh: Leugh Mi
Duration: 02:09
Tar-sgr矛obhadh: Leugh Mi
Gilleasbuig Fearghasdan
Anna: Bha thu ann an Nis airson bliadhnaichean nuair a bha thu beag. D猫 se貌rsa saoghal a bh鈥 agad ann an Le貌dhas?
Gilleasbuig: Uill, mar a thuirt t猫 rium nuair a chaidh mi a鈥 ch猫ilidh ann an Nis o chionn ghoirid, "Is math am bainne a fhuair thu!" Bha, bha e math. 鈥橲 e 脿ite, 脿ite be貌thail a bh鈥 ann an Nis nuair a bha mi beag. 鈥橲 d貌cha nach eil uiread de shluagh ann an-diugh, ach an uair sin, bha t貌rr dhaoine a鈥 fuireach ann, agus bha a鈥 Gh脿idhlig bitheanta. 鈥橲 i a bh鈥 aig a鈥 mh貌r-chuid de dhaoine nuair a听 dheidheadh tu a-mach...
Anna: Agus 鈥檚 e d鈥 athair a thug ann sibh?
Gilleasbuig: 鈥橲 e, bha m鈥 athair na mhinistear anns an Eaglais St猫idhichte, is bha e an sin nuair a rugadh mise ann an seachdad 鈥檚 a c貌ig, agus bha sinn ann c貌ig bliadhna gus an d鈥 fhuair e gairm a Phort R矛gh san Eilean Sgitheanach.
Anna: Is tha mi a鈥 creids鈥 nuair a bha thu ann am manse, 鈥檚 e 脿ite trang a tha sin le daoine a-mach is a-steach.
Gilleasbuig: Daoine a-mach is a-steach an-c貌mhnaidh. Daoine a鈥 tadhal, ministearan eile, daoine a鈥 tighinn a choimhead air m鈥 athair, 猫ildearan, daoine a鈥 c猫ilidh an-c貌mhnaidh.
Anna: Feadhainn annasach uaireannan?
Gilleasbuig: Bha. Tha cuimhn鈥 am... bha Iain Paisley ann turas. Chan eil fhios a鈥檓 carson a bha e ann an Nis, ach ministear, thug e Iain a鈥 ch猫ilidh air m鈥 athair, is tha se貌rsa de chuimhne agam air a鈥 chruthail mh貌r a bha seo a鈥 nochdadh aig an doras.
Anna: Duine m貌r a bh鈥 ann.
Gilleasbuig: Duine m貌r.
Anna: Nise, nuair a bha thu ag 猫irigh, nuair a bha thu a鈥 f脿s suas, d猫 se貌rsa rud a bhiodh tu a鈥 leughadh?
Gilleasbuig: Uill, an 霉idh a bu mhotha a bh鈥 agamsa nuair a bha mi beag, 鈥檚 e saoghal n脿dair agus beathaichean dhen a h-uile se貌rsa. Agus, tha mi a鈥 smaoineachadh gur e an rud a bu mhotha a ghlac m鈥 aire nuair a bha mi beag, cha b鈥 e leabhar a bh鈥 ann idir ach cairtean a bha an Reader鈥檚 Digest a鈥 cur a-mach air an robh dealbhan den a h-uile se貌rsa creutair, agus air a鈥 ch霉l, bha fiosrachadh mu dheidhinn, agus bha se貌rsa de bhogsa plastaig anns an robh na cairtean seo, ceudan dhiubh.听 Agus, mas math mo chuimhne, bha mise air a h-uile gin dhiubh, bha fhios agam d猫 bh鈥 annta. Bha mi air a h-uile fear ionnsachadh. 鈥橲 e sin am party piece a bh鈥 agam. Duine a bhiodh a鈥 taghadh fear agus...
Anna: 鈥淒猫 am beathach a tha seo?鈥 鈥淚nnsidh mi dhut!鈥
Gilleasbuig: Dh鈥檌nnsinn dhaibh, agus lean sin rium fad lathaichean na sgoile, agus gu h-araid, bha 霉idh agam ann an e貌in - eunlaith. 鈥橲 e cuspair a b鈥 fhe脿rr a ch貌rd rium nuair a bha mi anns an sgoil agus mar sin, lean mi orm is rinn mi bith-e貌las, biology, anns an Oilthigh ann an Obar Dheathain.
Tar-sgr矛obhadh: Sgeulachd Beatha
Seonaidh Ailig: Oh bha, bha. Bha e gr脿ineil ann an d貌igh gum feumadh e tachairt. Ach ann an d貌igh eile, bha e math a thoradh, bha thu a鈥 cur e貌las gu math tr脿th air daoine air nach robh thu e貌lach ron a sin. Agus, bha caidreachas 脿s 霉r anns an robh thu an s脿s nach robh agad ron a sin.
Ach, aig an aon 脿m, bha mise is tha mi a鈥 creidsinn a鈥 chuid a bu mhotha aig an aois sin, aig aois ceithir bliadhn鈥 deug, bha sinn gar dalladh leis a鈥 chianalas. Agus, bheireadh tu treis mus faigheadh tu seachad air a sin.
Agus nuair a dh鈥檉h脿g mi, bha mi air a bhith ann an Sgoil Cheann a鈥 Bh脿igh, is ch貌rd sin uabhasach math rium. Agus bha tidsearan math ann, is feadhainn nach robh cho math, ach sin mar a gheibh thu ann an sgoil sam bith. Ach nuair a chaidh mi Phort R矛gh, chuir mi e貌las air balaich 脿s an Eilean Sgitheanach is 脿s na Hearadh is bha sinn uabhasach c脿irdeil.
A鈥 chiad rud a thachair, a鈥 chiad chuimhn鈥 a th鈥 agam nuair a chaidh mi sgoil Phort R矛gh, 鈥檚 e gun robh na balaich a bh鈥 ann romhainn, is bha sinn a鈥 fuireach anns an ostail, ostail nam balach. Agus bha na h-igheanan a鈥 fuireach anns an ostail aca fh猫in is bha i 尘矛濒别 air falbh bho ostail nam balach, is tha mi a鈥 creidsinn gun d鈥 rinn iad sinn a dh鈥檃ona-ghnothaich.
Annella: Chan eil fhios a鈥檓 am biodh 尘矛濒别 fada gu le貌r!
Seonaidh Ailig: Agus a鈥 chiad chuimhn鈥 a th鈥 agam, 鈥檚 e nuair a chaidh mi dhan ostail ann am Portr矛gh. Na balaich a bh鈥 ann romhainn, is an fheadhainn a bu shine na bha sinne a鈥 faighneachd d猫 a far-ainm a bh鈥 oirnn. Agus, dh鈥檉haighneachd fear dha na balaich mh貌ra dhomhsa d猫 an t-ainm a bh鈥 orm.
Is thuirt mi, 鈥淐oma leat鈥.
Is thuirt e, 鈥溾橲 e sin a bheir sinn ort!鈥
Ach, chan e, oir bha far-ainm orm mu thr脿th!
Tar-sgr矛obhadh: Mac'illeMh矛cheil
Ailean Caimbeul: Cha chuala tusa sinn a鈥 dol far a ch猫ile fhathast!
IMM: Oh uill, cuiridh mi geall...uill, tha sin buailteach a鈥 tachairt, nach eil, ma tha sibh ag obair c貌mhla?
Ailean: Oh, tha sinn a鈥 dol far a ch猫ile fad na h-霉ine, gu s貌nraichte san t-samhradh is a tha sinn...
Ian Mac a鈥 Ghobhainn: Sa Chastlebay Bar 脿s d猫idh dram no dh脿 鈥檚 d貌cha!
Ailean: ....sinn a鈥 dol far a ch猫ile mu dheidhinn rudan beag, 鈥檈il fhios agad?
IMM: Am bi?
Ailean: Oh rudan beag, aye.
IMM: Tha sibh a鈥 dol air a nerve aig c脿ch a鈥 ch猫ile?
Ailean: Tha Fido a 'chompadh' aig a dh矛nneir!
IMG: Tha daonnan, tha giotar daonnan ro 脿rd cuideachd, innsidh mi sin dhut!
Ailean: Ah uill, tha bass aigesan ro 脿rd a鈥 chuid as motha den 脿m cuideachd!
IMM: Agus, ma tha sibh air chuairt neo rud dhan t-se貌rsa sin air feadh an t-samhraidh, tha sibh dha-r矛ribh buailteach air a bhith trod ri ch猫ile.
Ailean: Oh aye. Uill, tha sinn a鈥 faicinn c脿ch a ch猫ile bho sia uairean sa mhadainn gu tr矛 uairean sa mhadainn.
IMM: Tha, tha mi a鈥 creidsinn, tha mi a鈥 creidsinn, ach 鈥檚 e deagh charaidean a th鈥 annaibh...
IMG: A鈥 mh貌r-chuid den 霉ine!
IMM: A鈥 mh貌r-chuid den 霉ine. An tusa as 貌ige anns a鈥 ch貌mhlan, Ian?
IMG: 鈥橲 e, 鈥檚 e aye.
Ailean: Agus mise as sine.
IMM: Am b猫ibidh, agus 鈥檚 tusa as sine.
IMG: Bha mise a鈥 dol a r脿dh sin!
Ailean: Tha fhios a鈥檓 gun robh! Th脿inig mi staigh romhad!
IMM: Uill, cuiridh mi geall gu bheil agadsa ri ceann a鈥 mhaide a chumail riutha air fad agus smachd a chumail orra.
Ailean: Uill, tha mi a鈥 d猫anamh sin, aye.
IMM: Tha thu a鈥 feuchainn 鈥
Ailean: Uill, tha mi a鈥 feuchainn ri...aye. Ach, tha iad gu math fiadhaich!
IMM: C脿鈥 robh sibh an-uiridh as t-samhradh? An robh sibh sna h-Eileanan no...?
IMG: Aye, d矛reach air feadh an 脿ite.
Ailean: Air feadh an 脿ite.
IMG: D矛reach na h-Eileanan air fad.
IMM: Chunnaic mi sibh ann an 脤le aig F猫is Uisge-Beatha 脤le.
IMG: Aye, bha sinn an sin.
Ailean: Aye, bha sinn ann.
IMM: Bha Norrie Mac脤omhair a鈥 seinn c貌mhla ribh cuideachd.
IMG: Aye, aig an distillery Bowmore. Bha sin...
IMM: Bha mi ann. Bha mi fh猫in ro thrang a鈥 blasad air an stuth.
IMG: Aye? An do ch貌rd e riut?
IMM: Ch貌rd e rium gl猫 mhath. Bha an t-s矛de d矛reach cho math.
IMG: Bha e math.
Ailean: Bha. Bha an t-s矛de math.
IMG: Cheannaich sinn uile botal den festival edition.
IMM: Is d猫 na chosg sin dhuibh a-nis?
IMG: Tr矛 ceud is caogad.
Ailean: Uill, cha do cheannaich mise botal!
IMM: An e sin an tuarastal a fhuair sibh?
IMG: Aye uill, chan e!
IMM: Uill, bidh fhios agad air a seo, n矛 sibh airgead m貌r air latha bre脿gha a鈥 choireigin.
IMG: Aye n矛, uill, sinne neo an distillery?
IMM: Sibhse ma tha sibh a鈥 dol ga reic, aye!
Ailean: Ma chumas sinn gr猫im air!
IMM: Mura h-貌l sibh e.
Ailean: Ma dh鈥檉hanas i d霉inte!
IMM: Ma dh鈥檉hanas i d霉inte, sin agad e, sin agad e.
Oisean a鈥 Ghr脿mair 12: 脌IREAMHAN / NUMBERS
脌s d猫idh Cia mheud (鈥楬ow many?鈥), d脿 (2), fichead (20), ceud (100) :
ainmear singilte (鈥榮ingular, not plural鈥).
CIA MHEUD?
Cia mheud litir a tha san aibideil R貌manach? 鈥榯he Roman alphabet鈥?
Cia mheud litir a tha san aibideil anns a鈥 Gh脿idhlig?
Cia mheud 辫谤貌驳谤补尘 a tha san t-sreath seo de Beag air Bheag?
Cia mheud sgioba a bha sa cho-fharpais?
鈥楬ow many teams were in the competition?鈥櫶
2听 听D脿听 +听 ainmear singilte听 +听 s猫imheachadh
tr矛 b霉ird听听听听听 听听听听 d脿 产丑貌谤诲听
c貌ig dealbhan听 d脿 dhealbh
sia puingean听 听 d脿 phuing
tr矛 faclan听听 听听听听听 d脿 fhacal.
12听听听 听D脿 + ainmear singilte (+ s猫imheachadh)听 +听 dheug
D脿 uair dheug. 12 hours (鈥榯wo hour teen鈥), 12 oclock
Cia mheud m矛os a tha sa bhliadhna?听 D脿 mh矛os dheug. Tha d脿 mh矛os dheug anns a鈥 bhliadhna.听听听听
鈥楾here are twelve months in the year.鈥
Tha an d脿 phuing dheug againne a鈥 dol gu Latvia.听
鈥極ur twelve points go to Latvia.鈥櫶
20听 听听Fichead听 + ainmear 蝉颈苍驳颈濒迟别.听
Fichead not听听听听 twenty pounds听听听听听
Fichead c霉听听听听听 twenty dogs
fichead triop听听听 twenty times
100 听听听听听 听Ceud听 +听 ainmear 蝉颈苍驳颈濒迟别.听
Ceud p矛obaire听听听听听听听听听 鈥榓 hundred pipers鈥櫶
Ceud bliadhna听听听听听听听听听 鈥榓 hundred years鈥
Ceud ainm-sgr矛obhte 'a hundred signatures鈥
ceud 鈥100鈥櫶 听听
Ceud latha听听听听听 鈥榓 hundred days鈥櫶 听听
Ceud facal听听听听听 鈥榓 hundred words鈥 听听
Ceud bliadhna听 'a hundred years鈥櫶 听
a鈥 chiad 鈥榯he first鈥 (+ s猫imheachadh)*
a鈥 chiad latha听听 鈥榯he first day鈥
a鈥 chiad fhacal听 鈥榯he first word鈥
a鈥 chiad bhliadhna听 鈥榯he first year鈥
*Ach thoiribh an aire:
an t-aona linn fichead听 'the 21st century'
an t-aona linn deug听听听听 'the 11th century'
Bha G脿idhlig ga bruidhinn air feadh Alba anns an aona linn deug, agus nach math gu bheil i fhathast ga bruidhinn anns an aona linn fichead.听听听
鈥楪aelic was spoken throughout Scotland in the 11th c., and isn鈥檛 it great that it鈥檚 still spoken in the 21st.鈥
deug (鈥榯een鈥, 11鈥19): ainmear anns a鈥 mheadhan (noun in the middle)
c貌ig 辫谤貌驳谤补尘an deug听 鈥15 programmes (five programmes teen)鈥
ochd litrichean deug听 鈥18 letters (eight letters teen)鈥櫶
sia sgiobaidhean deug听 鈥16 teams (six teams teen)鈥櫶
an naoidheamh linn deug听 鈥榯he 19th century (ninth century teen)鈥
aon uair deug听 鈥11 hours (one hour teen), eleven o鈥檆lock鈥櫶
d脿 uair dheug听 鈥榯welve hours (鈥榯wo hour teen鈥), 12 o鈥檆lock鈥 (also pronounced 诲脿-谤别耻驳)
Cuin a chaidh na rathaidean-iarainn a thogail?听听听听
鈥榃hen were the railroads built?鈥櫶 Anns an naoidheamh linn deug,
An coinnich sinn aig aon uair deug?听听
鈥榃ill we meet at 11 o鈥檆lock?鈥
D猫 mu dheidhinn d脿 uair dheug?听听听听
鈥榃hat about 12 noon?鈥
Coinnichidh sinn aig d脿 uair dheug, ma-th脿 - airson breacaist.听听听听
鈥榃e鈥檒l meet at 12, then 鈥 for breakfast.鈥
Puing a bharrachd:
leth-cheud (50) agus 尘矛濒别 (1000) + ainmear singilte
Leth-cheud duine, leth-cheud bliadhna, leth-cheud taigh
M矛le duine, 尘矛濒别 bliadhna, 尘矛濒别 f脿ilte, ceud 尘矛濒别 f脿ilte
听
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 7 Jun 2015 21:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 10 Jun 2015 12:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 10 Jun 2015 22:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 14 Jun 2015 10:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 20 Sep 2015 21:31麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 23 Sep 2015 12:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 23 Sep 2015 22:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 27 Sep 2015 10:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 21 Mar 2021 21:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 24 Mar 2021 12:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Wed 24 Mar 2021 22:00麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sun 28 Mar 2021 10:30麻豆社 Radio nan G脿idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Pr貌gram do luchd-ionnsachaidh na G脿idhlig le Iain Urchardan.