An t-Urr Tomas Davis, Eaglais Shaor Chà rlabhaigh.
Còmhla ris an Urr Tòmas Davis, Eaglais Shaor Chà rlabhaigh. Gaelic religious service conducted by Rev Thomas Davis, Carloway Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-3 air fonn Ballerma agus 's e Murchadh MacÃŒomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 139: 1-3 air fonn Walsall agus 's e Dòmhnall Chapman a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho coitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: Lùc 15: 1-10
Ceann-teagaisg: Lùc 15: 1-7
Rugadh Tòmas Davis ann an Obar Dheathain agus greis às dèidh sin ghluais an teaghlach a Steòrnabhagh, far an robh athair ag obair na dhotair teaghlaich. Tha triùir bhalach anns an teaghlach agus 's e Tòmas a th' anns a' mheadhan. Chaidh e a Bhun-Sgoil Steòrnabhaigh agus a dh' Àrd-Sgoil MhicNeacail. Bha ùidh riamh aig na balaich ann a bhith cluich ball-coise, ged a tha Tòmas ag rà dh nach robh e fhèin uabhasach math air. Nuair a chaidh e dhan à rd-sgoil ghabh e ùidh mhòr ann an ceòl agus thòisich e air grunn innealan-ciùil a chluich. Fiù 's chun an là 'n-diugh tha e a' faighinn toileachas mòr nuair a gheibh e ùine a chur seachad a' cluich a' ghiotar neo a' cluich a' bhogsa - beagan 'jamming' a dhèanamh, mar a thuirt e fhèin.
Choinnich Tòmas ri bhean, Una, greis bheag às dèidh dha an sgoil fhà gail agus phòs iad ann an 2003. Nuair a phòs e an toiseach bha e ag obair na phost pà irt-ùine agus aig an aon à m a' dèanamh ceum oilthigh. Nuair a chrìochnaich e an ceum thòisich e ag obair dha athair-cèile ag ionnsachadh a bhith na einnseanair far an robh e ag obair airson deich bliadhna. Tro na bliadhnaichean sin rugadh triùir chloinne dhaibh, Tom (9), John (7) agus Annie (4). B' ann an uair a bha e ag obair na einnseanair a thòisich e a' faireachdainn tarraing chun na ministrealachd agus às dèidh ùine cho-dhùin e gur e sin an t-slighe a bha e a' dol a ghabhail. Ghluais an teaghlach gu tìr-mòr far an robh Tòmas ag ionnsachadh dreuchd na ministrealachd agus ghabh e na bòidean aige an-uiridh. Chuir coitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh fios thuige agus tha e air a bhith os cionn a' choitheanail sin airson bliadhna a-nise agus tha iad fhèin agus a' chlann air an dòigh ann an Cà rlabhagh.
Nuair a gheibh e ùine dha fhèin còmhla ris an teaghlach bidh iad a dol chun na mònach, a' dol air chuairt chun na trà ghad, neo air a' bhaidhsagail, agus cuideachd a' campachadh. Bidh e cuideachd a' dèanamh beagan DIY an-drà st' 's a-rithist.
Last on
An t-Urr Tòmas Davis agus an nighean aige Annie
Broadcasts
- Sun 7 Jun 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jun 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal