An t-Urramach Ailean Moireach, Eaglais Shaor Leantainneach Bhrùra is Asainte
Còmhla ris an Urr Ailean Moireach, an Eaglais Shaor Leantainneach, Brùra is Asaint. Gaelic service conducted by Rev Allan Murray, minister of Brora and Assynt.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughaidhean a leanas:
Salm 42:1-2 air fonn Glencairn agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann a Steòrnabhagh.
Salm 103: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Ùige, Leòdhas.
Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: Mata 11: 16-30
Ceann-teagaisg: Mata 11:28
Rugadh an t-Urramach Ailean Moireach ann an Siabost an Eilean Leòdhais ann an 1938. 'S e a b' òige de cheathrar ghillean aig Coinneach Ruairidh agus Amy Ailein. Às dèidh dha bhith deiseil ann an Oilthigh Ghlaschu chaidh e a dh'obair na fhiaclair airson trì bliadhna fichead. Thà inig atharrachadh na bheatha ann an 1963 agus chaidh iompachadh gu beatha Chrìosdail. Phòs e a bhean Maureen ann an 1966 agus bha còignear chloinne aca. Ann an 1985 chaidh Mgr Moireach gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trèanadh a bhith na mhinistear. Às dèidh crìochnachadh sa cholaiste fhuair e gairm gu coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Cataibh far an robh e os cionn paraistean Raoghard agus Eadra Chaolais. Anns a' bhliadhna 2000 chaidh trì paraistean aig an Eaglais Shaor Leantainneach a chuir fo chùram Mhgr Mhoirich ann an Cataibh - Asainte, Brùra agus Sgobhairigh. An-diugh tha Mgr Moireach air a dhreuchd a leigeil dheth ach bidh e fhathast a' gabhail sheirbheisean.
Last on
Broadcasts
- Sun 31 May 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 May 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal