Episode 2
Dòmhnall Mà rtainn a' coimhead air ais air là ithean trà th Chomhairle nan Eilean. Marking 40 years of Comhairle nan Eilean, with Donald Martin recalling the early days of the council.
Chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh ann a 1975 às dèidh ath-òrdachadh air riaghladh ionadail agus nà iseanta a bha a' toirt na h-eileanan an iar gu lèir fon aon riaghladh. Fon an t-seann structair anns na h-eileanan bha naoi comhairlean ionadail le cumhachdan eadar-dhealaichte sna h-eileanan. B' iad Siorrachd Inbhir Nis agus na comhairlean sgìreil a bha a' stiùireadh ghnothaichean anns Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, agus am Barraigh. Bha Siorrachd Rois is Chrombaidh, Comhairle Sgìreil Leòdhais agus Comhairle Baile Steòrnabhaigh a' riochdachadh chùisean ann a Leòdhas. Ri linn na bha ri dhèanamh bha 1974 mar bhliadhna uallachaidh airson an dreach ùr a bha seo a thoirt gu bith.
Anns an dà phrògram tha seo tha Dòmhnall Mà rtainn, a bha còrr air fichead bliadhna ri obair rianachd sa chomhairle, air a bhith a' rùileach tro thasglann Radio nan Gà idheal, neo Radio nan Eilean mar a bh' ann an uair sin, ag èisteachd ri na chaidh a chlà radh agus a chraoladh mun chomhairle sna bliadhnaichean trà th sin, a' tòiseachadh ann a 1974 agus a' ruighinn 1986. Le bhith 'g èisteachd, agus a' cur eòlas fhèin ris na chuala e, tha e a' toirt dhuinn dealbh smaoineachail air mar a bha an suidheachadh aig an à m, air an fheadhainn a bha air a' chomhairle agus air na chuir iad romhpa a dhèanamh le na cumhachdan ùra a bh' aca.
Last on
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
See all episodes from Comhairle nan Eilean @40 - Na Là ithean Trà th
Broadcasts
- Thu 28 May 2015 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 28 May 2015 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 May 2015 09:31Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 29 Dec 2015 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal