06/05/2015
Ealain, fasan no an ìre mhath rùisgte? Beachdan Sandra Mhoireach air dreasaichean Met Gala 2015. Art, fashion or verging on nudity? Sandra Murray comments on the Met Gala dresses.
Abair gun deach na tabloids as an ciall airson dealbhan a thogail de Beyonce, Kim Kardashian agus J. Lo aig Met Gala 2015 oidhche Luain. Cha robh na dreasaichean aca a' falach mòran agus beagan sheudan a cleith na bhiodh a chuid mhòr againn ag iarraidh a chumail fo aodach. An e ealain a tha anns na dreasaichean seo no a bheil iad air a dhol ro fhada leotha? Gheibh sinn beachd an t-eolaiche fasan Sandra Mhoireach.
Choinnich a' bhana-phrionnsa Charlotte ri a sìn-seanmhair airson a' chiad turas an dè agus chan eil teagamh nach eil i air mòran naidheachdan adhbharachadh bho rugadh i. Nam measg tha na pà ipearan air a bhith a' faighneachd dè an seòrsa dà imh a bhios eadar i fhèin agus am Prionnsa Seòras. Gheibh sinn sgeulachdan pearsanta bho thriùir mu dheidhinn a bhith a' fàs suas nam peathraichean 's nam brà ithrean. An robh iad laghach ri chèile no an robh à mannan ann far an robh beagan mi-mhodh agus farmad eatarra?
Tha artichokes no bliochdain a' coimhead gu math eagallach 's iad là n spèicean is gruag agus chan eil iongnadh ann gu bheil cuid do chòcairean na dùthcha seo gan seachnadh. Ach tha fèill mhòr orra ann an dùthchannan thall thairis 'san Roinn Eòrpa gu h-à raid anns an Eadailt agus a-nis tha sinn a' cluinntinn gu bheil barrachd agus barrachd iarrtas ann am Breatainn air an son. Tha Alasdair MacLeòid air a bhith a' lorg dòighean blasta air an deasachadh. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Wed 6 May 2015 12:33Â鶹Éç Radio nan Gà idheal