01/05/2015
Tha Iain a' cuir fà ilt' air Eoghan Dòmhnallach à Beinn nam Fadhla a th' aig fìor toiseach a dhreuchd na chraoladair. With guest Eoghan Macdonald, who works in broadcasting.
Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. 'Se aoigh na seachdain-sa, Eoghan Dòmhnallach. Rugadh is thogadh e ann an Caolas Fhlodaigh, sgìre bheag bhrèagha, chadalach ann an Beinn nam Fadhla. Chaidh Eoghan a thogail le Gà idhlig agus tha ceòl riamh air a bhith na phà irt mhòr de bheatha. Gach bliadhna nuair a bha e nas òige, bhiodh e a dol gu Fèis Tìr an Eòrna. 'S ann an sin a fhuair e blas den bhogsa chiùil agus tha e fhathast ga chluich. An ceann beagan bhliadhnaichean dh'ionnsaich e am feadan 's leis a sin thà inig a' phìob mhòr. Bha Eoghan a-riamh a seinn, fiùs nuair a bha e cho òg ri ceithir bliadhna a dh'aois. Bho chionn beagan bhliadhnaichean, fhuair e cothrom clà r a dhèanamh le taic mhòr bho Thormod MacIllEathain. Reic iad còrr is còig cheud copaidh agus rinn iad còrr is mile not airson an Teenage Cancer Trust. Nuair a dh'fhà g Eoghan a sgoil, fhuair e an cothrom feuchainn air a' chùrsa Tbh aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha e a-nis air an dà rna bliadhna air greis gnìomhachais, aig Dè a-Nis aig a BhBC ann an Glaschu. Cluinnidh sinn seanchas Eoghain, a bharrachd air ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aige. Mar is à bhaist cuideachd, bìth roghainn math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain air an liosta ciùil aig Iain fhèin. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clà radh.
Two hours of chat and music with John Carmichael broadcasting LIVE from the Â鶹Éç studios in Glasgow. John welcomes Eoghan MacDonald who will talk about his upbringing on Benbecula and his wish to work as a broadcaster. Also some classic music chosen from Americana, folk, Celtic and Country and Western.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcast
- Fri 1 May 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal