Main content
Sorry, this episode is not currently available

02/04/2015

Beachd Marie C NicAmhlaigh air an leabhar ùr Sweetland a sgrìobh Michael Crummey. Marie Macaulay reviews the novel Sweetland, written by Michael Crummey.

Tha Marie C NicAmhlaigh air an leabhar Sweetland le Michael Crummey a leughadh. Tha an nobhail stèidhichte ann am baile Sweetland air eilean iomallach ann an Canada agus air a' charactar Moses Sweetland a tha air a bhith a' fuireach ann còmhla ri theaghlach thairis dusan ginealach. Ach a-nis tha an riaghaltas airson na daoine a tha a' fuireach ann an Sweetland a ghluasad às.

Tha dealbh a chaidh a thogail ann an Syria de nighean òg a-nis air feadh an eadar-lìon air sgàth's an sgeulachd chumhachdach a tha air a chùlthaobh. Dh' innis an dealbhadair gu robh e a' faireachadh gu robh an t-eagal air an nighean agus i a' smaoineachadh gur e gunna a bh' anns a' chamara. Tha Fiona Rennie agus Cailean MacIlleathain aig a bheil ùidh ann an dealbhadaireachd còmhla rinn airson bruidhinn mu na dealbhan as cumhachdaich a chunnaic iad fhèin riamh.

Tha Mìcheal Hill air a bhith aig Banya Experience ann a Lunnainn, spà a tha a' cleachdadh duilleagan à craobh daraich mar phàirt dhen t-seirbheis sauna aca.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 2 Apr 2015 12:33

Broadcast

  • Thu 2 Apr 2015 12:33