Main content
Sorry, this episode is not currently available

Muilnean Steòrnabhaigh 1/2

A' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla ri chèile a-rithist. An-diugh Muilnean Steòrnabhaigh. A reunion with former staff of the Mills in Stornoway.

Sreath a tha a' toirt feadhainn a bha uair ag obair còmhla ri chèile a-rithist. Anns a' phrògram seo tha Tom MacIomhair a' toirt ceathrar a bha ag obair ann an gnìomhachas a' Chlò Hearaich ann an Steòrnabhagh air ais còmhla a-rithist a chuimhneachadh air na làithean dòigheil a bha aca ag obair anns na muilnean aig àm nuair a bha an gnìomhachas a' toirt cosnadh do mhìltean eileanach.
Còmhla ris tha Mal MacLeòid, Dòmhnall Angie Stiùbhart agus an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha uile a' fuireach air a' Bhac agus Ailig Lockerby a tha a' fuireach air na Lochan ann an Leòdhas.

Ged nach eil ach aon mhuileann a' toirt cosnadh do dhaoine anns a' bhaile an-diugh, sin a' mhuileann aig Brian Haggas far a bheil Ailig Lockerby fhathast ag obair, 's ann gu math eadar-dhealaichte a bha cùisean an uair a bha na seòid eile an sàs anns a' ghnìomhachas, gu h-àraidh eadar na trì ficheadan agus na h-ochdadan. Aig aon àm bha suas ri còig muilnean anns a' bhaile agus bha tè dhuibh, Muileann Todd, air an dearbh làraich air a bheil togalach ùr Â鶹Éç Radio nan Gàidheal stèidhichte an-diugh.

30 minutes

Last on

Sun 15 Mar 2015 10:00

Broadcasts

  • Tue 10 Mar 2015 12:03
  • Tue 10 Mar 2015 22:00
  • Sun 15 Mar 2015 10:00