Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Dr Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Dr. Urr. Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Dr Rev Roddy MacLeod, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 40: 1-3 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.
Salm 130: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e Iain MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 130: 1-3 air fonn Martyrdom agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland.

Leughadh : Salm 130 agus Mata 14: 25-31
Ceann-teagaisg: Salm 130

Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr o 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bidh e fhathast a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ann am Meadhan-Earra Ghàidheal agus anns an Òban a h-uile mìos.
Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig aig an eaglais. Tha e air a bhith a' deasachadh nan Duilleagan Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba o 1981. Nuair nach eil e a' sgrìobhadh bidh e a' dol cuairt leis a' chù agus a' cluich teanas-bùird.

30 minutes

An t-Oll. Urr Ruairidh MacLeòid

An t-Oll. Urr Ruairidh MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 8 Mar 2015 09:00
  • Sun 8 Mar 2015 15:03
  • Sun 12 Mar 2017 09:00
  • Sun 12 Mar 2017 15:00