Main content
Sorry, this episode is not currently available

11/03/2015

Chaidh Steaphain MacRisnidh a dh'fhaicinn an dealbh-chluiche Blood Wedding. Steven MacRitchie went to see the play Blood Wedding.

Chaidh Steaphain MacRisnidh dhan Dundee Rep a dh'fhaicinn an dealbh-chluiche Blood Wedding. Nuair a tha daoine òga ri suirighe tha iad air an glacadh ann an diorrasachd, geasachd agus diomas agus tha a' bhuil cho crosta ris an fhùdar. An do chòrd e ri Steaphain? Feumaidh sibh èisteachd.

Bha prògram aithriseach air Â鶹Éç 4 an raoir Sex, Lies and Love Bites mu dheidhinn eachdraidh nan litirichean a bhios daoine a' sgrìobhadh gu pàipearan naidheachd agus irisean mu ghnothaichean pearsannta agus iad a' sireadh freagairtean is comhfhurtachd. Tha Donna Màiri NicÃŒomhair agus Calina NicDhòmhnaill a' beachdachadh air na bha anns a' phrògram.

Agus tha Anndra MacFhionghuinn air ais le iris fasan eile agus an t-seachdain 'sa tha e air a bhith a' rannsachadh na h-iris Bheatannach i-D a chaidh a chlò bhualadh an toiseach ann an 1980 le Terry Jones a b'àbhaist a bhith ag obair aig Vogue. bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 11 Mar 2015 12:33

Broadcast

  • Wed 11 Mar 2015 12:33