Main content

Anns an litir an t-seachdain 'sa, cluinnidh sin mu Ùisdean a dh'fhàs deigheal air smocadh, 's bhiodh e mar chù chrosda mur a biodh toit aige. A letter for learners.

5 minutes

Last on

Wed 11 Mar 2015 22:30

Clip

Litir 816: Ùisdean ’s an Tombaca

Dh’fhàg mi sibh le tòimhseachan aig deireadh na Litreach mu dheireadh – dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?’ ’S e am fuasgladh an gas a th’ air lus – the stem of a plant. Chan obraicheadh sin ann am Beurla!

            Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu Ùisdean à Inbhir Pheofharain. Nuair a bha e òg, dh’fhàs e dèidheil air tombaca. Ghabh smocadh grèim air. ’S gann gum faicte Ùisdean gun toitean na bheul.

Nuair a bha e fichead bliadhna a dh’aois, chaochail uncail dha, agus fhuair Ùisdean a’ chroit aige. Bha i mu dheich mìle a-mach às a’ bhaile. Bha seo anns an t-seann aimsir. Leis gun robh fearann aige a-nise, b’ urrainn dha bean a ghabhail. Cha b’ fhada gus an robh e a’ suirghe le Ceitidh NicDhonnchaidh à Cunndainn. Phòs iad agus gheall Ùisdean dha fhèin gum biodh e na dheagh chèile do Cheitidh.

Ach cha deach aige air stad a chur air a chuid smocaidh. Mar a bu mhotha a dh’fheuch e ris am tombaca a chur an dàrna taobh, ’s ann a bu dorra a dh’fhàs e. Bha miann mhòr aige air ceò an tombaca a bhith na sgamhan.

Ge-tà, bha e deich mìle bhon aon bhùth a bha a’ reic tombaca. Nuair nach robh gin air fhàgail san taigh, bhiodh e ann am fìor dhroch shunnd. Bha e mar chù crosta a chaill a chnàimh.

Nuair a phòs Ùisdean is Ceitidh, cheannaich iad cuilean. ’S e cù-coilidh a bh’ ann, air an robh Sandaidh mar ainm. Bha iad a’ dol a dhèanamh cù-chaorach dheth, ach bha Sandaidh uabhasach dèidheil air a dhol an cois a mhaighstirean, agus na caoraich a sheachnadh. Nuair a rachadh Ùisdean a chèilidh air a nàbaidhean, bhiodh an cù an-còmhnaidh na chois. Gheibheadh e fàilte chridheil aig a h-uile nàbaidh.

Latha a bha seo, bha Ùisdean ann am fìor dhroch shunnd. Bha e air a dhol seachdain gun smocadh. Chan fhaca Ceitidh cho greannach e. ‘A bheil fios agad dè tha ceàrr ort, Ùisdein?’ thuirt i. ‘Tha thu feumach air tombaca. Thall’ a Bhaile a’ Chàil agus ceannaich gu leòr airson mìos.’ ’S e ‘Baile a’ Chàil’ a chanadh daoine ri Inbhir Pheofharain anns an t-seann aimsir.

‘Am faod mi, a ghràidh?’ fhreagair Ùisdean. Bha e cho sona ris an rìgh.

‘Agus aon rud eile,’ thuirt a bhean. ‘Thoir Sandaidh leat. Bidh a’ chuairt math dha.’

Dh’fhalbh an duine ’s an cù còmhla air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain. Ràinig iad bùth an tombaca agus cheannaich Ùisdean gu leòr airson mìos. Thug fear na bùtha briosgaid do Shandaidh. Bha e math mar mharsantach, agus chunnaic e cothrom an cois a’ choin.

‘Carson nach ceannaich thu tombaca bhuam a h-uile seachdain?’ thuirt e.

‘O, tha mi ro thrang airson tighinn an seo a h-uile seachdain,’ fhreagair Ùisdean. ‘Tha e ro fhada.’

‘Ge-tà,’ thuirt fear na bùtha. ‘Dh’fhaodadh an cù a thighinn air do shon.’

‘An cù?’ ars Ùisdean.

‘Gu dearbh,’ thuirt fear na bùtha. ‘Cuir leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich, agus iarr air thighinn don bhùth. Cuiridh mise tombaca luach leth-chrùn san nèapraigear agus thèid e dhachaigh leis.’

‘Mmm. Saoil an obraicheadh sin?’ thuirt Ùisdean. ‘Carson nach fheuch sinn e?

Agus dh’fheuch – an ath thuras a bha tombaca gann san taigh. Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh do Shandaidh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

gas: stem of a plant; Inbhir Pheofharain: Dingwall; croit: croft; greannach: ill-tempered; Baile a’ Chàil: ‘Cabbage Town’ – an old local name for Dingwall; briosgaid: biscuit.

Abairtean na Litreach

dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?: which ‘gas’ does not fill its container?; chan obraicheadh sin ann am Beurla: that wouldn’t work in English; dh’fhàs e dèidheil air tombaca: he became keen on tobacco; ghabh smocadh grèim air: he became addicted to tobacco; chaochail uncail dha: an uncle of his died; Ceitidh NicDhonnchaidh à Cunndainn: Katie Robertson from Contin; gheall Ùisdean dha fhèin: Hugh promised himself; gum biodh e na dheagh chèile do Cheitidh: that he would be good husband to Katie; cha deach aige air stad a chur air a chuid smocaidh: he didn’t manage to stop his smoking; mar a bu mhotha a dh’fheuch e ris am tombaca a chur an dàrna taobh, ’s ann a bu dorra a dh’fhàs e: the more he tried to avoid tobacco, the more difficult it became; bha miann mhòr aige air ceò an tombaca a bhith na sgamhan: he had a great desire to have tobacco smoke on his lungs; bhiodh e ann am fìor dhroch shunnd: he’d be in a really bad mood; bha e mar chù crosta a chaill a chnàimh: he was like an angry dog that [had] lost its bone; a bheil fios agad dè tha ceàrr ort?: do you know what is wrong with you? bha iad a’ dol a dhèanamh cù-chaorach dheth: they were going to make a sheepdog of it; an cois a mhaighstirean: along with his masters; cuir leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich: put a half-crown in a kerchief around his neck; tombaca luach leth-chrùn: tobacco to the value of half a crown; saoil an obraicheadh sin?: I wonder if that would work; carson nach fheuch sinn e?: why don’t we try it?

Puing-chànain na Litreach

’S gann gum faicte Ùisdean gun toitean na bheul: Hugh would hardly ever be seen without a cigarette in his mouth. °ä³óì³Ù±ð is the independent passive conditional form of the verb faic ‘see’; it means ‘would be seen’. The dependent form is faicte eg gum faicte ‘that it would be seen’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Cha b’ fhada gus an robh e a’ suirghe: It wasn’t long until he was courting.

Broadcasts

  • Sun 8 Mar 2015 22:02
  • Wed 11 Mar 2015 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast