Main content
Sorry, this episode is not currently available

06/03/2015

Marc Wringe is aoighean lem beachdan air leabhar na mìos Shore to Shore deasaichte le Caoimhin MacNèill. Mark Wringe and guests discuss poetry anthology Shore to Shore.

'S e bàrdachd agus aistean sa Bheurla agus sa Ghàidhlig a tha ri fhaighinn sa chruinneachadh Shore to Shore deasaichte le Caoimhin MacNèill. Thàinig an leabhar de sgrìobhaidhean ùra gu bith tron phròiseact Struileag a bha a' coimhead ri suidheachadh is staid na Gàidhlig bho shealladh Ghàidheil a tha a' fuireach air feadh an t-saoghail. Am measg na bàrdachd tha "rap", ùrnaigh, haibun, salm saoghalta agus eile; tha aistean ann bho sgrìobhadairean ann an Alba, Moscow, Melbourne, Bonn agus Carolina a Tuath. Measgachadh inntinneach a tha a' togail cheistean mu na tha e a' ciallachadh a bhith nad Ghàidheal an-diugh.
Mark Wringe and his guests discuss Shore to Shore a book which explores through poetry and prose the Gaelic experience as it was, is and might be.

30 minutes

Last on

Sun 8 Mar 2015 14:33

Broadcasts

  • Fri 6 Mar 2015 12:03
  • Fri 6 Mar 2015 17:30
  • Sun 8 Mar 2015 14:33