Main content
Sorry, this episode is not currently available

Eathar Na Sàboind

Calum MacFhearghuis a' gabhail sgrìob timcheall a' Rubha. An-diugh sgeulachd eathar na Sàboind. Calum Ferguson explores his favourite nooks and crannies in Point, Isle of Lewis.

Rugadh agus thogadh Calum MacFhearghuis ann am Port Mholair san Rubha a Leòdhas. Ann a 2004 rinn e sreath phrògraman a' dol timcheall a' sgìre a' tadhail air geodhaichean agus cladaichean, air cnuic agus glinn ag innse sheanchasan a tha a' dèanamh dealbh soilleir air an dòigh-beatha a bh' ann agus a' choimhearnsachd a bha dha chuairteachadh nuair a bha e na bhalach òg san Rubha sna 30an agus na 40an.

An-diugh cluinnidh sinn mun chroileagan thaighean a bha sa phoirt; mu eathar na Sàboind agus mar a nochd i air cladach madainn Sàboind agus an eachdraidh a bh' aice mus do ràinig i Leòdhas agus am feum a rinn i bho thàinig i; agus tha Calum, mar as dual dha, a' faighinn blasad air an fheamainn.

Chaidh Rubha Chaluim a chraoladh an toiseach ann a 2004.

30 minutes

Last on

Sun 8 Mar 2015 09:30

Broadcasts

  • Thu 5 Mar 2015 12:03
  • Thu 5 Mar 2015 22:10
  • Sun 8 Mar 2015 09:30