Main content
Sorry, this episode is not currently available

Beachdan air na stèiseanan-fànais a tha air geàrr-liosta an riaghaltais. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.

Coma leinn Capa Canaveral, ma dh'fhaodte gur e Cape Campbeltown no Cape Cornwall a bhios againn a dh'aithghearr. Chaidh ochd làraich ainmochadh Dimàirt an t-seachdain 'sa a bhios a' farpais airson còirichean a' chiad stèisean-fanais ann am Breatainn a thogail. Tha sia dhiubh tuath air a' chrìoch agus gheibh sinn beachdan bho dhaoine a tha a' fuireach faisg air na làraich an dè an t-àite a tha iadsan a smaoineachadh is airidh air an urram.

Bha an sgrìobhadair agus an riochdaire telebhisean agus film Jimmy McGovern a' gearain gu bheil gainnead de dhaoine bho clas obrach an t-shluaigh nan cleasaichean. A bheil e ceart seo a radh? Gheibh sinn beachd bho Dolina NicIllinnein, Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn agus Tony Kearney.

Chaochail an an t-eòlaiche cànan eadar-nàiseanta an t-Àrd-Ollamh Joshua Fishman an t-seachdain 'sa. Gheibh sinn mìneachadh air na beachdan aige a chaidh a chleachdadh airson planaichean Gàidhlig a chuir air bhog.

Tha's a' còmharrachadh gu bheil seachdad bliadhna bho thachair tubaist pleàna air Beinn Eadarra anns an Eilean Sgitheanach DiSathuirne sa tighinn le seirbheis cumhneachaidh. Bha Lachie Mac IllIosa còig bliadhna deug a dh'aois aig an àm agus innsidh e mar a tha cuimhne aige air an latha.
bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 5 Mar 2015 21:13

Broadcasts

  • Thu 5 Mar 2015 09:03
  • Thu 5 Mar 2015 21:13