An t-Oll. Urr I A MacLeòid bho Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain 1996 2/2
Seirbheis bho thasglann a' BhBC 1996 còmhla ris an Oll Urr Iain A MacLeòid, Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain. Gaelic archive service from 1996 conducted by Prof John A MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 139: 1-3 air fonn Walsall agus 's e Iain Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 68: 18-20 air fonn St David agus 's e Domhnall MacLeoid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughadh: Eòin 1: 19-39
Ceann-teagaisg:Eòin 1: 9
Rugadh an t-Oll Urr Iain Aonghas MacLeòid anns na Còig Peighinnean ann an Nis an Eilean Leòdhais ann an 1956. Mas deach Mgr MacLeòid a-staigh airson na ministrealachd bha e ag obair roimhe sin na einnseanair aig BT airson grunn bhliadhnaichean. Air an t-slighe chun na ministrealachd thill e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus cheumnaich e à Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Diadhachd agus Cà nain a' Bhìobaill. Chaidh e an uairsin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaiste chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige aig Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain. Tha Mgr MacLeòid an-diugh na Iar Cheannard air Colaiste na h-Eaglaise Saoire no mar a tha an togalach air ainmeachadh às ùr, Seamanaraidh Dhiadhaireachd Dhùn Èideann, far a bheil e a' teagasg Greugais agus an Tiomnadh Nuadh dha na h-oileanaich. Tha Mgr Macleòid pòsta aig Ealasaid agus tha sianar a theaghlach aca. Is caomh leis a bhith a' cur seachad ùine còmhla ri a theaghlach, ach a thuilleadh air an sin, an lùib na cur-seachdan aige tha coiseachd, ag obair anns a' ghà rradh agus a' rannsachadh teicneolais ùr.
Last on
Broadcast
- Sun 1 Feb 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal