Main content
Sorry, this episode is not currently available

Am bu chòir casg a chuir air daoine a bhios a' smocadh thoitean ann an àiteachan poblach? Should smokers be banned from lighting up in public places? bbc.co.uk/coinneach.

'S e Bristol a' chiad bhaile ann am Breatainn a tha a' dol a chuir casg air smocadh a-muigh aig àiteachan poblach. Gheibh sinn beachdan bho dhiofar thaobhan.

Tha am Magna Carta gu mòr anns na naidheachdan an-dràsta agus na ceithir leth bhreacan dheth air an toirt còmhla ann an Leabharlann Bhreatainn agus ochd ceud bliadhna ann a-nis bho chaidh a chruthachadh. Chaidh am Magna Carta a chèireachadh leis an Rìgh Iain aig a bheil droch ainm agus cliù ann an eachdraidh mar an righ a bu mhiosa riamh a bh'aig Sasainn. Tha Tomaidh MacAsgail air a bhith a' rannsachadh sgeulachd beatha an Righ Iain.

Anns na ceithir seachdainean suas gu Là Naomh Bhaileintin tha sinn air a bhi uair san t-seachdainn a' sgrùdadh gaol bho diofar sheallaidhean. An-diugh 's iad na Diadhan Greugach Orpheus agus Eurydice a tha aig Iain MacLeòid.

Nochd aithris ann am pàipear naidheachd nàiseanta gun deach làmh-sgrìobhaidhean a tha'd ag radh tha dol air ais gu àm Chùl Lodair a' lorg le luchd-obrach a bha ag obair aig taigh-sèinnse Thunderton ann an Eilginn. Ach 's docha nach e seo buileach bun na sgeoil agus tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air a bhi a' rannsachadh an tuilleadh. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 5 Feb 2015 21:13

Broadcasts

  • Thu 5 Feb 2015 09:03
  • Thu 5 Feb 2015 21:13