29/01/2015
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là . Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.
Anns na ceithir seachdainean suas gu Là Naomh Bhaileintin tha sinn a' coimhead air mar a tha gaol air a mhìneachadh ann an diofar chruthan. An-diugh tha Dòmhnall MacLeòid a' mìneachadh an tuigs a bha aig Sigmund Freud air gaol.
Tha leithid de dh'fhèill air clà ran vinyl an-diugh is gun fhiach a bhith a' cruthachadh clà ran fuadain. Chaidh cà in a chur air Frank Macari aig Cùirt an t-Siorraim ann a Haddington seach gun robh e dèanamh seo agus gan reic air an eadar-lìon. Dè an luach a tha anns na seann chlà raidhean an-diugh?
Tha sgìre Chamus Croise agus Dhuisdeil tro C&DI air dearbhadh fhaighinn air taic airgiod a bhios a' ciallachadh gun tèid ionad coimhearsnachd seasmhach a thogail. Bruidhinnidh sinn ri Mark Wringe, cathraiche na buidhne, agus ri Donnie MacFhionghuin a bha an lùib a' phròiseact bho thoiseach gus faighinn a-mach dè na leasachaidhean a tha fa-near dhaibh agus ciamar a nì seo feum dhan a' choimhearsnachd.
Thadhal an Ceann-suidhe Obama agus a bhean Michelle air Saudi Arabia an-dè. Le taobh an iar an t-saoghail cho eadar dhealaichte bhon taobh an ear, saoil dè seòrsa cà irdeas a tha còir a bhith air a thogail eadar na dùthchannan? Gheibh sinn beachd Mhurchaidh MhicLeòid a tha a' fuireach san dùthaich.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 29 Jan 2015 09:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 29 Jan 2015 21:13Â鶹Éç Radio nan Gà idheal