27/01/2015
Deasbad an-diugh mu fhèisean ciùil agus T in the Park a' gluasad. An e an ceòl as cudromaiche? As T in the Park relocates, Feasgar asks if location matters for music festivals.
Tha 70 bliadhna a-nis bho chaidh prìosanaich campa Auschwitz a shaoradh. Cluinnidh sinn bho Murchadh Peutan, Donna Mairi NicIomhair agus Amy NicAmhlaigh a tha uile air tadhal air là rach a' champa anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.
Tha Riaghaltas na h-Alba air stad a chur air planaichean prìosan bhoireannach a thogail ann an Inbhir Chluaidh. Thathas a-nis a' beachdachadh air ionadan nas lugha a thogail ann an sgìrean air feadh na dùthcha. Gheibh sinn beachd bho John Archie Mac a' Mhaoilein agus Carol McGlone.
Tha DF concerts an dòchas gun tèid Fèis T in the Park a chumail aig Caisteil Srath Alain bho seo a-mach agus iad a' gluasad an fhèis bhon là rach à bhaisteach aca ann am Balado. A bheil là rach fèis cudromach don luchd-leantainn? No an e an ceòl fhèin as cudromaiche? Bidh Kayleigh NicIllinnein, Niall Iain Dòmhnallach agus Magnus Greumach a' beachdachadh air a' chùis.
Last on
Broadcast
- Tue 27 Jan 2015 12:33Â鶹Éç Radio nan Gà idheal