Main content
Sorry, this episode is not currently available

Toiseach Tòiseachaidh

Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' cluinntinn mu eachdraidh Ghàidheil Oilthigh Ghlaschu. Gilleasbuig MacDonald explores the history of Gaels at the University of Glasgow.

Chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1451 agus bhon chiad dol-a-mach bha Gàidheil ga fhrithealadh.

Tha an Dtr Aonghas MacCoinnich bho Oilthigh Ghlaschu air a bhith a' rannsachadh eachdraidh Gàidheil Oilthigh Ghlaschu agus anns a' chiad phrògram den t-sreath tha e ag innse do Ghilleasbuig mun chiad 250 bliadhna den eachdraidh sin.

Tha Gilleasbuig a' cluinntinn mun bhuaidh a bh' aig an oilthigh air na Gàidheil agus air a' Ghàidhealtachd agus cuideachd a' bhuaidh a bh' aig na Gàidheil air an oilthigh.

Chuala Gilleasbuig bho Aonghas agus bhon Dtr Màrtainn MacGriogair mu inbhe na Gàidhlig anns na ciad linntean sin.

Cuideachd thèid innse cò às a bhiodh na Gàidheil a' tighinn agus carson, buaidh an Ath-Leasachaidh agus mar a bha na fineachan Gàidhealach an sàs aig Oilthigh Ghlaschu.

30 minutes

Last on

Sun 11 Dec 2016 09:30

Broadcasts

  • Thu 8 Jan 2015 12:03
  • Thu 8 Jan 2015 22:10
  • Sun 11 Jan 2015 09:30
  • Thu 8 Dec 2016 12:00
  • Thu 8 Dec 2016 22:10
  • Sun 11 Dec 2016 09:30